Fèis an Eilein Duirche air tòiseachadh
Thòisich a' chiad fhèis-ciuil ann an Beinn nam Fadhla feasgar.
Chaidh a h-uile tiocaid a reic airson Fèis an Eilein Duirche agus grunn mhòr dhaoine air tighinn a dh'Uibhist air a shon.
Tha dùil gum bidh taghadh farsaing de cheol ri chluinntinn, nam measg Skipinnish, Balaich Bhatarsaigh agus Donnie Rothach.
Tha Shona NicDhòmhnail ag aithris.