Là math eile do Ghleann Urchadain

Anns an Lìog Nàiseanta chur Gleann Urchadain dà thadhal gun fhreagairt air Comann Camanachd Bhòid ann an Druim na Drochaid.

Deagh là dhan Ghleann agus iad fhathast aig mullach na Lìge Nàiseanta, ceithir puingean air thoiseach air Lòbhat a tha anns an dàrna àite.