Na Hearadh a' togail cupa airson a' chiad turas ann an 15 bliadhna

Bhuannaich Na Hearadh cupa airson a' chiad turas ann an 15 bliadhna air an deireadh-sheachdain is iad a' dèanamh a' chùis air a' Bhac ann an cuairt dheireannach Cupa Moldòbha Leòdhais.

Bha an tadhal aig Tyler Gillies le dìreach beagan mhionaidean ri dhol gu leòr airson an geama a bhuannachadh do na Hearaich, 1-0.

Cha robh na Hearadh air cupa a thogail bho bhuannaich iad Cupa Eilean an Fhraoich ann an 2011.

Bha iad air ceithir cuairtean-deireannach a ruighinn san dà bhliadhna mu dheireadh ach chaill iad gach tè dhiùbh.

Thèid Na Hearadh agus Am Bac an aghaidh a' chèile a-rithist ann an cuairt-dheireannach Cupa Eilean an Fhraoich Disathairne an 8mh den Lùnastal.

Tha ceithir geamaichean ann oidhche Luain ann an Lìog Leòdhais is Na Hearadh le na Lochan a' cur fàilte air Càrlabhagh, An Rubha aig an taigh an aghaidh na Hearadh, dearbaidh Steòrnabhaigh eadar Aths is United agus Nis a' siubhal a chluich an Taobh Siar.

Ann an Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd ghluais Malaig chun a' mhullaich às dèidh a' chùis a dhèanamh air Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich 3-1.

Tha sin a' fàgail an dà sgioba co-ionann aig a' mhullach air an aon àireamh phuingean ach le Malaig air thoiseach air sgaradh thadhail.

Tha cuideachd dà gheama a bharrachd aig Malaig ri chluich.