Naidheachdan 10:00m

Ionnsaigh Golders Green

Tha Poileas a' Mhet air fear, 45, a chur fo chasaid an co-cheangal ris an ionnsaigh sgeine air dithis Iùdhach ann an Golders Green ann an ceann a tuath Lunnainn bho chionn dà là. Chaidh Essa Suleiman a chur fo dhà chasaid oidhirp air murt agus casaid gun robh e a' giùlan sgeine ann an àite poblach. Tha dùil gun nochd e aig Cùirt nam Maighstearan an-diugh fhathast aig Westminster.

Caismeachdan

Tha Poileas a' Mhet cuideachd a' dèanamh ath-sgrùdaidh feuch an urrainn caismeachdan a tha a' cur taic ri Palestine a dhol air aghaidh às dèidh mar a chaidh àrdachadh a thoirt air an ìre de chunnart a th' ann a thaobh cheannairc san Rìoghachd Aonaichte. Tha i a-nitse aig fìor àrd-ìre às dèidh na h-ionnsaigh sgeine ann an Golders Green.

Caolas Hormuz

Tha ceannard tè de na companaidhean todhair as motha air rabhadh a thoirt seachad gum bi cion bìdh ann air feadh an t-saoghail ma dh'fhanas Caolas Hormuz dùinte. Thuirt Svein Holsether bhon chompanaidh Yara gur iad na dùthchannan as bochda a dh'fhuilingeas an toiseach. Tha seo a' tighinn agus Caidreachas a' Bhìdh agus nan Deòchan air tomhas gun ruig ìre na h-atmhòrachd airson bìdh san Rìoghachd Aonaichte 10% ma dh'fhaoidhte ro dheireadh na bliadhna.

Taraifean an uisge-bheatha

Tha fàilte ga cur air an naidheachd gu bheil an Ceann-Suidhe Trump a' cur às do tharaifean air uisge-beatha Albannach mar urram do thuras stàite an Rìgh agus na Banrighe chun nan Stàitean Aonaichte. A' sgrìobhadh air na meadhanan sòisealta, thuirt e gun tug iadsan air ruideigin a dhèanamh nach rachadh aig duine sam bith eile. Bha Riaghaltasan na h-Alba agus na Rìoghachd Aonaichte air iarraidh gun rachadh lùghdachadh neo cur às don taraif a bh' ann de 10%.

Stòras Uibhist

Tha Stòras Uibhist an dòchas gu bheil slighe air aghaidh ann a-nise agus stiùirichean ùra os cionn an uachdarain choimhearsnachd. Tha trioblaidean air a bhith aca sna mìosan mu dheireadh agus chaidh sianar a thaghadh gu bòrd eadar-amail aig coinneimh èiginnich an-raoir anns an robh na ceudan an làthair.