Abraich air ais ann an sunnd
Chaidh boireannaich Loch Abair suas dhan dàrna àite sa Phrìomh Lìog às dèidh dhaibh an gnothach a dhèanamh air Inbhir Nis 6-0 aig Pàirc a' Bhucht Didòmhnaich.
Bhuannaich na h-Abraich a' Phrìomh Lìog an-uiridh is thòisich iad an seusan seo gu math leis a' chùis a dhèanamh air na Sgitheanaich 1-0.
Bhon uairsin ge-tà, tha iad air call san lìog ris na nàimhdean mòra aca Bàideanach agus chuir na Sgitheanaich an uairsin iad a-mach à Cupa ùr na Prìomh Lìge an t-seachdain sa chaidh.
'S iad Natalie NicDhòmhnaill (3), Elaine Wink (2) is Shannon NicUilleim a fhuair na tadhail aig a' Bhucht is Loch Abar air ais ann an sunnd.
Tha geama mòr lìge eile ann dhaibh Didòmhnaich seo tighinn is iad a' siubhal gus cluich an aghaidh Chinn Loch Seile.
Tha Seile air an seusan a thòiseachadh gu math is trì puingean aca às an dà gheama lìge a chluich iad, a thuilleadh air adhartas a dhèanamh ann an Cupa na Prìomh Lìge.
Bidh an geama sin ann an Rèaraig aig meadhan-là.