Naidheachdan 11:00m
Iran
Thuirt an Ceann-suidhe Trump gu bheil e a' toirt tuilleadh ùine do dh'Iran plana sìthe aontachadh. Dh'innis Mgr Trump gun leudaich e am fosadh cogaidh, ged nach eil e follaiseach cuin a choinnicheas an dà thaobh a-rithist. Chan eil an Leas-Cheann-suidhe, JD Vance, a' dol air adhart le plana airson chòmhraidhean ann am Pagastan. Tha aithrisean ann an-diugh gun tug feachdan Iranianach ionnsaigh air trì soithichean cargo ann an Caolas Hormuz.
Ìre na h-atmhorachd
Dh'èirich ìre na h-atmhorachd sa Mhàrt gu 3.3% bho 3% sa Ghearran. Thuirt an Seansalair, Rachel Reeves, gu bheil cogadh Iran a' cur phrìsean suas ach gu bheil i a' dèanamh nas urrainn airson smachd a chumail air cosgaisean.
Sir Keir Starmer
Thèid Sir Keir Starmer a cheasnachadh an-diugh a-rithist aig Ceistean a' Phrìomhaire mun cho-dhùnadh am Morair Mandelson fhastadh mar thosgaire sna Stàitean Aonaichte. An-dè, dh'innis Sir Olly Robbins, a chaill a dhreuchd mar àrd-sheirbheiseach catharra ann an Oifis nan Cùisean Cèin, nach tug Sràid Downing spèis idir do rannsachadh tèarainteachd a' Mhorair Mandelson.
Srath Pheofhair
Tha poilis ag iarraidh fianais an dèidh bàs duine ann an Srath Pheofhair oidhche Luain. Bha poilis den bheachd nach robh dad amharasach mun chùis agus gur e adhbhar meadaigeach a thug bàs dhan duine, a bha 63 bliadhna de dh'aois. Ach tha iad ag ràdh a-nise gur dòcha gun robh an duine an sàs am buaireadh air prìomh shràid a' bhaile mu 7:30f oidhche Luain.
SSPCA
Tha càineadh ann air co-dhùnadh an SSPCA cur às do dhreuchdan inspeactair anns na h-Eileanan Siar agus an Arcaibh 's ann an Sealtainn. Thuirt Calum Watt, a bha 35 bliadhna na inspeactar sna h-Eileanan Siar, gu bheil e a' cur iognadh air gu bheil iad a' cur às dha na dreuchdan sin agus gu bheil dragh air gum bi beathaichean a' fulang.
Loch Aillse
Fhuair Urras Coimhearsnachd a' Chaoil agus Loch Aillse £48,000 bho Oighreachd a' Chrùin airson plana airson trì taighean, aonadan gnothachais agus làrach coimhearsnachd aig Sàraig agus Ràtagan ri taobh Loch Dubhthaich. Thèid an t-airgead a chosg air obair aillteireachd agus bidh coinneamh phoblach ann an Talla Inbhir Ìonaid oidhche Dhiardaoin seo tighinn, an 30mh, a bhruidhinn air na planaichean sin.