Naidheachdan 11:00m

An Atmhorachd

Tha àrdachadh eile san atmhorachd a' cur tuilleadh cuideim air an riaghaltas ron bhuidseat air an ath-mhìos. Dh'èirich sin gu 3.9% san Lùnastal bho 2.9% san Iuchar, 's tha e coltach gur e connadh nas daoire le buaidh a' chogaidh san Ear-Mheadhanach as motha a thug buaidh air sin. Tha eòlaichean den bheachd gum feumar ìre an rèidh a chur suas airson feuchainn ri smachd a chur air an atmhorachd.

Gàsa

Chaidh còrr is 20 duine a mharbhadh, clann nam measg, 's tha na h-uimhir eile a dhìth an dèidh do thogalach fhlataichean tuiteam ann an Gàsa. Thuirt fear-labhairt nam buidheann dìon Gàsa gun deach an togalach a mhilleadh ann an ionnsaighean Israelach ann an 2024, agus a-rithist an-uiridh.

Ionadan Dàta

Bidh am Partaidh Uaine an ceann deasbaid aig Holyrood an-diugh 's iad ag iarraidh casg rè ùine air togail ionadan mòra dàta ùra an Alba. Tha planaichean ann airson còrr is 20 dhiubh sin an-dràsta. Ach tha na h-Uainich ag ràdh gum biodh e dona dhan àrainneachd leis na bhiodh iad a' cleachdadh de dhealan.

Uisge-beatha

Tha dragh air Comann Uisge-Bheatha na h-Alba mu cho-dhùnadh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte inbhe dìon a chur air uisge-beatha Shasannach. Fo na riaghailtean ùra bidh e ceadaichte Mac na Braiche a ghabhail air uisge-beatha Shasannach ged nach tèid a tharraing ach aig aon taigh-staile. Ann an Alba feumaidh a h-uile ìre den ghiollachd tachairt anns an aon àite mus fhaodar Mac na Braiche Albannach a ghabhail air.

Caolas na Hearadh

Dh'fhoillsich Caledonian Mac a' Bhriuthainn plana èiginn do sheirbheis Chaolas na Hearadh eadar seo 's am Màrt an ath-bhliadhna leis nach bi am bàt-aiseig an Loch Portan a tha san doc a' tilleadh a' chiad ghreis. Tha dragh ann an Uibhist a Tuath 's anns na Hearadh cuideachd mu dè a' bhuaidh a bheir sin orrasan air gach taobh den chaolas.

Bradan

Dh'innis a' chompanaidh Bakkafrost gun do chaill iad faisg air dàrna leth an èisg a bh' aca air aon de na tuathan-bhradan ann an Loch Ròg ann an Leòdhas as t-samhradh. Thuirt iad gun robh a' mhòr-chuid den bhàs ann an luchd de dh'iasg òg air an robh tinneas gun fhiosta dhaibh nuair a cheannaich iad e o chompanaidh eile.