NàdarAlba a' cur an aghaidh leasachadh na Cùil

  • Air fhoillseachadh
Coul LinksTùs an deilbh, Vince Lowe

Dh'innis a' bhuidheann NàdarAlba gu bheil iad a' cur an aghaidh phlanaichean ùra airson raon-goilf aig àrd-ìre a thogail ann an Cataibh.

'S e seo an dàrna oidhirp a tha air a bhith ann raon a stèidheachadh aig a' Chùil air làraich eadar Eurabol agus Loch Fleòid.

'S e fear-gnothaich Aimeireaganach, Todd Warnock, a chuir planaichean air adhart sa chiad dol a-mach is e ag ràdh gum biodh buannachdan mòra eaconomach ann.

Bha luchd-glèidhteachais a' cumail a-mach bho thùs gun dèanadh an leasachadh sgrios maireannach air àrainneachd agus coltas an àite.

Ged a chuir Comhairle na Gàidhealtachd taic ris na planaichean a bh' ann, chaidh an leasachadh a dhiùltadh le Riaghaltas na h-Alba air a' cheann thall às dèidh rannsachaidh phoblaich.

Buaidh mhòr

Nochd planaichean ùra bhon uairsin bho bhuidhinn air a bheil Communities for Coul.

Tha iadsan ag ràdh gu bheil iad airson raon-goilf a thogail aig an làraich a bhiodh am measg an fheadhainn as fheàrr san t-saoghal a thaobh buaidh air an àrainneachd.

Thuirt NàdarAlba gu bheil iad a' cur an aghaidh an leasachaidh ge-tà, is iad ag ràdh gun toireadh e buaidh mhòr air àrainneachd ghainmhich a tha cudromach gu ìre nàiseanta.

Dh'innis iad aig an dearbh àm gun gabhadh raon-goilf a thogail timcheall air an làraich le a bhith a' cur barrachd talamh àitich faisg air làimh gu feum.

Thuirt Communities for Coul gu bheil iad a' beachdachadh air freagairt NàdarAlba.