Caisteal Chiosmuil dùinte am-bliadhna

  • Air fhoillseachadh
Caisteal ChiosmuilTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an caisteal na tharraing do luchd-turais a Bharraigh, ach chan eil cothrom aca a dhol a-null thuige.

'S e briseadh-dùil a th' ann, a rèir dhaoine ann am Barraigh, agus coltas ann nach bi Caisteal Chiosmuil - an caisteal ann am Bàgh a' Chaisteil - a' fosgladh am-bliadhna.

Thuirt Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba gu bheil an caisteal fhathast dùinte agus iad fhathast a' measadh dè an obair a tha dhìth 'son a dhèanamh sàbhailte.

Tha taisbeanadh gu bhith aca mu Chaisteal Chiosmuil ann an talla Bhàgh a' Chaisteil tron t-Samhradh, thuirt iad.

"Bha e air a bhith fosgailte fad bhliadhnaichean, bha an t-aiseag air ais 's air adhart gu math trang, gu h-àraid air làithean brèagha," thuirt Màiri Anna NicFhearghais, à Bùth Bharraigh.

Caisteal ChiosmuilTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha seann daingeann Chlann Nìll fo chùram Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba

"'S nuair a gheibheadh daoine a-null chun a' chaisteil, bha rudan a' dol ann.

"Bha Fèis Bharraigh ga chleachdadh.

"Bha e cudromach dhan eilean, agus bhiodh e math nam biodh e air ais chun na h-ìre aig an robh e.

"Tha mi a' tuigsinn gu bheil tòrr luchd-turais a' faighinn briseadh-dùil, air sàilleibh tha Caisteal Chiosmuil gu math annasach - far a bheil e 's gum feum thu aiseag fhaighinn thuige 's mar sin air adhart.

"Air sàilleibh sin tha tòrr de na daoine a bhios a' tighinn a Bharraigh a' sùileachadh a dhol a-mach a dh'fhaicinn a' chaisteil 's cuairt a ghabhail timcheall air.

"Tha iad car diombach nuair nach eil e comasach dhaibh sin a dhèanamh.

"Chan eil e uabhasach math a bhith a' dèiligeadh ri daoine nuair a tha iad a' faighinn briseadh-dùil.

"Feumaidh na daoine a tha am Bàgh a' Chaisteil a bhith a' gabhail leisgeul Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba 's gu bheil iadsan ag ràdh gu bheil iad duilich nach eil e fosgailte agus nach eil cothrom aca air.

"Ach tha mi an amharas cuideachd gu bheil beagan buaidh aige air turasachd, air sàilleibh tha mi a' tuigsinn gu bheil daoine nach eil a' tighinn a Bharraigh air sàilleibh nach eil an caisteal fosgailte.

"Chan e sin a bha sa bheachd, mar a thuigeas mi, nuair a chaidh cùram a' chaisteil a thoirt do dh'Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba bha e air a thuigsinn gun cumadh iadsan an caisteal air dòigh agus gun cumadh iad fosgailte e.

"Bha e feumail do chloinn agus do mhuinntir an àite. Fhios agad, bha eachdraidh dìreach ri do thaobh.

"Tha daoine airson àite fhaicinn dhaibh fhèin, airson faicinn cò ris a tha e coltach 's dè seòrsa àite a th' ann.

"Tha thu a' faighinn barrachd tuigse nuair a tha thu am broinn togalaich mun a h-uile sìon a tha mun cuairt ort," thuirt i.