Caisteal Chiosmuil dùinte am-bliadhna

  • Air fhoillseachadh
Caisteal ChiosmuilTùs an deilbh, M J Richardson/Geograph
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an caisteal, a tha na shuidhe air eilean beag ann am Bàgh a' Chaisteil, na dhaingeann aig Clann Mhich Nèill fad linntean.

Dhearbh Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba nach eil coltas gum fosgail Caisteal Chiosmuil am-bliadhna.

Tha a' bhuidheann iomagaineach mu staid an togalaich agus e feumach air obair-càraidh.

Chuir an Ceann-cinnidh, Ruairidh MacNèill, Caisteil Chiosmuil ann an làmhan Àireannachd Eachdraidheal Alba ann an 2001.

Bhon uairsin tha iad air a bhith a' dèanamh obair air a' chaisteal 'son a ghlèidheadh, chan ann a-mhàin do mhuintir an eilein ach do Chlann MhicNèill air feadh an t-saoghail.

B'fheudar an caisteal a dhùnadh tron phandemic agus le ullach orra mu staid na clachaireachd anns an togalach, tha Àireannachd Eachdraidheal Alba air a ràdh gum bi e dùinte 'son greis fhathast.

Duilgheadasan

Tha iomagain air a bhith air a' choimhearsnachd ann am Barraigh mun seo, gu h-àraidh le cruinneachadh mòr de Chlann MhicNèill a' tighinn bho gach ceàrnaidh a Bharraigh eadar an 8mh san 10mh là den Lùnastal.

Thuirt neach-labhairt bho Àireannachd Eachdraidheal Alba gu bheil iad a' tuigsinn an uallaich a tha air daoine sa choimhearsnachd, ach gu bheil slàinte is sàbhailteachd an luchd-obrach is luchd-turais a' faighinn prìomhachas.

Thèid sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air a' chaisteal 'son dearbhadh dè an obair-càraidh a tha dhìth.

Dhearbh iad cuideachd gu bheil an dithis a tha ag obair pàirt den bhliadhna dhaibh fhathast a' faighinn cosnadh 's iad a' toirt taic do sgiobaidhean eile sa bhuidhinn air-loidhne.

Thuirt iad gu bheil iad a' cur coinneamh air dòigh a dh'aithghearr le BPA na sgìre, Alasdair Allan, 'son bruidhinn air na duilgheadasan a tha aca.