
Tha seirbheis ùr ga cur air chois an Uibhist airson taic a thoirt do dhaoine a tha air fulang le bàs san teaghlach.
Thàinig beachdan air ais bho shuirbhidh a chaidh a dhèanamh sa choimhearsnachd a sheall gum biodh bruidhinn mu chall luchd-dàimh na chuideachadh do mhòran.
Tha an cathrannas Penumbra nan Eilean Siar a-nis air pròiseict taic a thòiseachadh còmhla ri Tagsa Uibhist.
"Bha an t-uamhas cheistean san t-suirbhidh agus bha sinn taingeil airson a h-uile duine a chuir na beachdan aca air adhart air sàilleibh bha feadhainn de na freagairtean uamhasach pearsanta," thuirt Gemma NicFhionghain bhon chathrannas Penumbra.
"Bha sinn cuideachd a' bruidhinn ri dotairean-teaghlaich a tha a' faicinn seo agus ri daoine an sàs san eaglais, ministeirean agus sagairtean, daoine a tha timcheall air bàs agus call fad an t-siubhail.
"Bha na beachdan acasan uamhasach feumail dhuinn.
Roghainnean
"San sgioba a tha sinn a' feuchainn ri chur air dòigh bi tòrr roghainnean ann. Bidh iad an seo an Uibhist, bidh iad air tìr-mòr, bidh iad ann gu pearsanta no bidh iad a' cleachdadh teicneòlais.
"Bidh torr dhòighean ann taic fhaighinn, tha sinn an dòchas", thuirt Ms NicFhionghain.
Tòisichidh am pròiseict air a' mhìos seo agus mairidh e fad na bliadhna. Tha dòchas ann cuideachd gum faigh iad taic airgid airson a chumail a' dol.
"Tha sinn cho math mar choimhearsnachd air a bhith a' toirt seachad taic aig àm bàis agus a dhà no thrì mìosan às dèidh laimhe ach nuair a tha sinn a' call cuideigin a tha cudromach dhuinn tha e a' toirt buaidh oirnn airson ar beatha air fad.
"Tha sinn an dòchas gun dèan an sgioba beag seo feum do dhaoine ann an dòigh air choireigin agus gun dèanar adhartas leis a' chuspair seo a tha a' toirt buaidh air a h-uile duine againn," thuirt Ms NicFhionghain.