Cuideachadh coimhearsnachd an Uibhist

  • Air fhoillseachadh
Uibhist a Deas

Le draghan mun Choròna-Bhìoras, is daoine suas ann an aois fo chomhairle fuireach nan dachaighean, tha dà bhuidheann coimhearsnachd ann an Uibhist air tighinn suas le taic a nì feum.

Nochd draghan bho dhaoine air na meadhanan sòisealta ann an Uibhist mun uallach a bh' orra a bhith air am fàgail gun cheangal ris a' mhòr-sluagh, lè àitean dùinte is iad fo chomhairle fuireach a-staigh.

Cha robh e fada gus an tàinig freagairt bho thaobh staigh na coimhearsnachd agus daoine, is buidhnean, deònach cuideachadh a thoirt seachad. Tha co-dhiù dà bhuidheann ann an Uibhst a' tòiseachadh air ceanglaichean a dhèanamh eadar an dà chuid.

Dh'fhàg sin a' cheist ciamar a bha daoine a bha ag iarraidh taic a' dol a dh' fhaighinn na cobhair a bha dhìth orra. Sin far an do dh'aontaich Stòras Uibhist a dhol an sàs.

Taic

Cruinnichidh iadsan ainmean dhaoine a tha deònach cuideachadh agus, nuair a tha fios aca cò a tha feumach air taic, agus gu dè an taic a tha a dhìth orra, cuiridh iad brath chun an duine a chuidicheas iad.

Aig a' cheart àm, tha Comann Coimhearsnachd Ghriomasaigh air an dearbh rud a dhèanamh airson muinntir an eilein sin, agus iad ag iarraidh air daoine fios a chur thuca ma tha cuideachadh a dhìth.

Chan ann mu dheidhinn a bhith a' tadhal air daoine a bhitheas seo, is daoine mothachail mu na tha an Riaghaltas is buidhnean slàinte a' moladh, ach mu dheidhinn taic pragtaigaich.

Leithid ma tha stuth à bùth neo bhon dotair a dhìth air daoine, agus mura h-eil 's dòcha càirdean faisg orra, faodaidh cuideigin sin fhaighinn dhaibh agus fhàgail aig an taigh, neo aig a' gheata.

Cuideachd thathar ag iarraidh air daoine fios a chur air na buidhnean seo ma tha iad a' faireachdainn aonaranach, agus thèid aig daoine fònadh gu chèile airson beagan còmhraidh.

Fiosrachadh

Tha buidhnean ann an Uibhist leithid Cuimhne agus Tagsa a tha fhathast a' toirt cuideachadh do dhaoine san sgìre mar a b' àbhaist dhaibh co-dhiù.

Is tha buidhnean eile mar Charaidean Uibhist a' cumail sùil air dè a tha fhathast a dhìth 's an t-suidheachadh sin, agus 's docha gun tèid aca air làmh a thoirt air rudan nach eil buidheann eile a' dèanamh.

Airson barrachd fiosrachaidh no ma tha taic a dhìth, cuireabh fòn gu Comann Coimhearsnachd Ghriomasaigh air 01870 603359 neo an seo., taobh a-muigh

Gheibhear grèim air Stòras Uibhist ma tha sibh airson cuideachadh le fòn air 01878 700101 no an seo, taobh a-muigh agus ainm is àireamh fòn a thoirt seachad, agus dè pìos de dh'Èirisgeigh, Uibhist a Deas neo Beinn na Faoghla 's a bheil sibh. No ma 's aithne dhuibh cuideigin a tha feumach air taic cuiribh fòn thuca.

'S e àm dha-rìreabh doirbh a bhitheas ann do ghnìomhachasan anns na sgìrean seo agus tha Stòras Uibhist cuideachd ag iarraidh air a' choimhearsnachd, far an gabh e dèanamh, taic a chumail leothasan cuideachd.