Co-dhùnadh mu raon-goilf air a chur dheth

  • Air fhoillseachadh
A' ChùilTùs an deilbh, Alison Searl/RSPB Scotland

Chaidh co-dhùnadh mu raon-goilf ùr connspaideach ann an Cataibh a chur dheth rè ùine Dimàirt.

Tha na h-Aimeireaganaich Todd Warnock is Mike Keiser airson raon aig àrd-ìre a thogail aig a' Chùil, eadar Eurabol agus Loch Fleòid.

Ged a tha iad-san ag ràdh gum biodh buannachd eaconomach mhòr ann dhan sgìre, tha buidhnean glèidhteachais air draghan a thogail mun bhuaidh a bheireadh an leasachadh air an àrainneachd.

Mhol oifigearan dealbachaidh na Comhairle gun deadh cead a dhiùltadh dhan sgeama, air sgàth na buaidh a bheireadh e air an àrainneachd agus gu bheil e a' dol an aghaidh plana-leasachaidh na sgìre.

Cha robh gin den na comhairlichean an aghaidh a' phròiseict ge-tà ann am prionnsabal.

SEPA

Thuirt cathraiche comataidh dealbhachaidh a' chinn a tuath gu bheil iad a' feitheamh fiosrachaidh bho ShEPA mu rud a thog a' bhuidheann-iomairt NOT COUL anns a' chomhairle phoblaich.

Thuirt SEPA gum feum iad rannsachadh sònraichte a dhèanamh.

Thèid a' chùis a dheasbad a-rithist an ceann cola-deug.

Thuirt Todd Warnock gur e clach-mhìle a bh' ann dhan phròiseict is gun deach measadh cothromach a dhèanamh air na planaichean.

Thuirt e gu bheil e air mhisneachadh nach do chuir gin de na comhairlichean gluasad air adhart gus an t-iarrtas a dhiùltadh.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh