Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Thormoid)

Bha Dòmhnall Dòmhnallach, Dòmhnall Thormoid, a rèir coltais, na dhuine socair, sìobhalta a chaochail aig aois mhòr goirid mus d' rugadh an seinneadair Lachlainn MacIllFhialain. Tha e coltach gun d' rugadh e ann an Alba Nuadh mu 1843.

Ann am Brìgh an Òrain (McGill-Queen's University Press, Canada, 2000), an leabhar a sgrìobh Iain Seathach mu bheatha agus mu na h-òrain aig an t-seinneadair Lachlainn MacIllFhialain, tha e air a ràdh gu robh tàlant sònraichte aig Dòmhnall Thormoid airson a bhith a' magadh no ag aoireadh, agus nach b' ann aon uair a fhuair e e fhèin ann an crois le nàbaidhean air los sin.

A rèir aithris, ràinig gnothaichean an ìre agus gun deach na bha aige sgrìobhte de bhàrdachd agus de dh'òrain a losgadh, ged tha corra òran leis air lorg fhathast.

Ann am Brìgh an Òrain cuideachd tha e air innse mar a thug bodach, Dòmhnall Collins, 's e air leabaidh a' bhàis, Òran Anna Ruadh do Lachlainn agus mar a chaidh an t-òran a dhèanamh:

"Nunn an toiseach an t-samhraidh bhiodh iad a' falbh a' siud 's a' seo a' sgealbadh a' bhuntàta. Agus bha Aonghas Ailean thall ann a' seo. Fhuair e Anna Ruadh Dhòmhnaill 'ic Iain a' sgealbadh a' bhuntàta dha. Agus cha rachadh i a' sgealbadh a' bhuntàta còmhla ri Dòmhnall Thormoid idir: bha e leis fhèin, agus e na sheann duine 's ise na seann bhoireannach.

Agus fhuair Dòmhnall, fhuair e roinn de chig às a' seo, nach rachadh i còmhla ris-san a dh'àite Aonghais Ailein. Agus rinn e an t-òran."

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.