Òran Anna Ruadh

Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Thormoid) agus air a sheinn le: Lachlann MacIllFhialain.

This is a song written by: Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Thormoid) and sung by: Lachlann MacIllFhialain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Anna Ruadh, a ghaoil mo chridhe,
'S gòrach do bhruidhinn liom;
'S neònach liom mura tig thu
'S thu cho tric a' tigh'nn nam chuimhn'.

Saoil sibh p-fhèin nach fuathasach
An cridh' cruaidh a bh' aig Anna:
Nach do ghabh i truas dhomh
Sa chruadal sa robh mi ann.

Gu robh mi fhèin an uair sin
Gam chluaineadh le cion nan caileag;
Mi liom fhìn a h-uile lath'
'S gun duin' agam a nì rium cainnt.

Nan ruigeadh tu shuas mi
Ghabhainn mun cuairt leat am falach;
'S dol a chlìoradh Iain Ruaidh
'S tighinn mun cuairt an clìoradh thall.

Air eagal do chuailein
Buidhe dualach a bhith ga phealladh;
'S ann aig fearaibh no aig balaich
Bhiodh ag amas oirnn air lom.

Ged bhiomaid air uaireabh
A' coiseachd luath, gun leig sinn anail;
Bhuaileamaid air cluaineis
Fo dhuathar fo sgàil nam beann.

Air lagan bòidheach uaigneach
Aig Ìle Chuaich sinn fhìn am falach
Sinn gar suaineadh anns a' rainich
'S i cho pailt air feadh nam beann.

'S bòidheach liom a dh'fhàs thu,
Bha thu fìrinneach nad ghealladh;
Gruaidh mar ròs an gàradh
Dà shùil mheallach ann ad cheann.

T' aghaidh thana nàrach
Beul as binne 's grinne chanas;
Bha thu fialaidh, ciallach, banail
Coibhneil, carthanntach, gun mheang.

Nan ruigeadh tu shuas mi
Dh'fheuchainn cruaidh rid chumail agam;
Cha leiginn le neach fuadain
Bhith tarraing suas riut anns an àm.

Gun reachainn fhìn mun cuairt ort
Cho uallach ri h-aon a th'aca;
Nuair a reachamaid a chadal
Bhiodh cas fairis air an Ann'.

Seinneadairean / Performers

Lachlann MacIllFhialain

Bha cuimhne mhath aig an sgoilear, Iain Seathach, air a' chiad turas a chunnaic e Lachlainn MacIllFhialain aig consart mòr ann an Gleann Dail an ...

Fiosrachadh air Lachlann MacIllFhialain / Learn more about Lachlann MacIllFhialain

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.