Lachlann MacIllFhialain

Bha cuimhne mhath aig an sgoilear, Iain Seathach, air a' chiad turas a chunnaic e Lachlann MacIllFhialain aig consairt mòr ann an Gleann Dail an Ceap Breatainn mu mheadhan an Iuchar sa bhliadhna 1963.

"Am measg a h-uile sìan eile, daoine mòra làidir as a' choillidh ri dannsa 's fidhleireachd nach fhaca 's nach cuala mi riamh a leithid, bha aon rud ann a ghlac 's a chùm m' aire – seann òran Gàidhlig air a ghabhail gu fuasgailte, nàdarra le duine beag sgiobalta ann an deise ghlas às àite ris an canadh iad Broad Cove no an Camas Leathann."

Rugadh Lachlann Dhòmhnaill Nìll air 19 Samhain, 1910. Thòisich e a' seinn agus e òg, agus dh'innis e do dh'Iain Seathach gun coisicheadh e mìltean an uair sin a dh'ionnsachadh òran ùr.

B' ann à Morair a dh'fhalbh a chuideachd tràth san naoidheamh linn deug mar tha e ag innse ann am Brìgh an Òrain:

"Dh'fhàg mo shìn-seanair, Gilleasbu' mac Fhearchair, dh'fhàg e Beòraid Mòrair, anns a' bhliadhna ... chan eil mi buileach cinneach, co-dhiù bha e 1818 no 1820. Air rèir mar a chuala mise, bha Beòraid Àrd agus Beòraid Ìseal ann. Tha mi a' dèanamh dheth gur ann à Beòraid Àrd a thàinig mo shìn-seanair. Cha robh an t-àite san d' rugadh e na àite tuathanachas air dòigh air an t-saoghal. Cha robh ann ach sgreaban cruaidh do bhaile agus e clachach, agus gun mhòran dheth sin fhèin aige."

Thug an teaghlach mòran òrain leotha à Alba agus b' e Niall, bràthair athar, bu mhotha thug buaidh air Lachlann na òige. A rèir a h-uile coltas b' e duine air leth a bh' ann. Chaill e a fhradharc nuair a bha e mu naoi bliadhna deug ach bha e aithnichte sa choimhearsnachd a thaobh an t-eòlas a bh' aige air dualchas. Dh'ionnsaich e mòran òrain do Lachlann òg, an còmhnaidh a' toirt an aon earail air, "Tuig an t-òran."

Fhuair Lachlann cuideachd òrain agus sgeulachdan bho sheanair, Niall Ruadh, a bha fuireach a-staigh còmhla riutha.

Bha Lachlann na dhuine fialaidh, bàidheil. Bha e pòsta aig Kay NicNèill agus bha ochdnar a theaghlach aca. Bha e ag obair cruaidh ri saorsainneachd agus ri obair fearainn fad a bheatha. Mar a thuirt Iain Seathach:

"Cha robh beartas no cothrom aig Lachlann Dhòmhnaill Nill. Thug e a' mhòr-chuid dhe bheatha ri obair throm airson leth na bochdainn. Ach nan coinnicheadh tu ris, dh'aithnicheadh tu gur e an seòrsa Gàidheal is còir dhuinn cumail air chuimhne."

Chlàr Iain mu 150 òran bho Lachlann. Bha mòran sheòrsachan òran aige, nam measg òrain gaoil, òrain seòlaidh, òrain sìdh, òrain botail, òrain èibhinn, òrain Seumasach, puirt-à-beul, òrain ionadail agus am pailteas òrain luaidh. Chlàr e iomadh naidheachd is sgeulachd bhuaidhe a bharrachd air na h-òrain.

"Cha d' fhuair Lachlann mòran cothrom air sgoil ach fhuair mi foghlam bhuaidhe sa Ghàidhlig nach eil ri fhaighinn an oilthigh sam bith is aithne dhomhsa."

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.