Aonghas MacIllFhialain (Ceap Breatainn)

B' e ogha dhan bhàrd, Dòmhnall MacIllFhialain, Dòmhnall Gobha, a bh' ann an Aonghas MacIllFhialain à Mira Mhòr an Ceap Breatainn. Bha e na shaighdear anns a' chiad chogadh mhòr agus an dèidh sin bha e ag obair a' mèinneadh guail an Ceap Breatainn.

Bha e air fear de na seinneadairean Gàidhlig a b' fheàrr anns an eilean agus bha e càirdeach do Vincent MacIllFhialain a dh'fhoillsich cruinneachadh de dh'òrain Ghàidhlig à Ceap Breatainn fon ainm Fàilte do Cheap Breatainn as na 1890an. Chaochail Aonghas ann an 1968 aig aois 85.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.