Dòmhnall MacIllFhialain (Dòmhnall Gobha)

Rugadh Dòmhnall MacIllFhialain, Dòmhnall Gobha, ann am Mòrair ann an 1807. Cha robh e ach 12 bliadhna a dh'aois nuair a thàinig an teaghlach a Chanada air a' bhàta Economy. Thachair gu robh bàrd eile air bòrd Iain MacIllEathain (Bàrd Tighearna Chola) agus e air a shlighe dhan Choille Ghruamaich. Dh'ionnsaich am balach òg òran bhuaithe agus faodaidh gur e sin a dhùisg spiorad na bàrdachd ann fhèin.

Nuair a ràinig an teaghlach Ceap Breatainn bha iad a' fuireach ann am Margaree an Siorrachd Inbhir Nis. Dh'ionnsaich Dòmhnall ceàird na goibhneachd anns a' bhaile Fhrangach Arichat, agus dh'ionnsaich e a' chànan Fhrangach aig an aon àm. Ghluais e an uair sin gu Srath Latharna an Siorrachd Inbhir nis. Phòs e Màiri NicÌosaig agus bha naoinear de theaghlach aca, còignear mhac agus ceathrar nighean. Ann an 1868 ghluais iad gu Mira Mhòr, far an robh e ri bàrdachd gus an do chaochail e aig aois 83.

'S e Loch Mhira loch an àigh
An loch as àille tha fon ghrèin,
An loch air an lìonmhor breac
Ris a' chuileig ghlas a' leum.
'S lìonmhor bradan na chuid lìon,
'S lìonmhor fiadh a' ruith ma bhruaich,
'S lìonmhor bàta bàn fo sheòl
'S iad le spòrs a' ruith air cuan.

Rinn Dòmhnall Gobha òrain air caochladh chuspairean. Mhol e an t-uisge beatha le:

Seo an Nollaig tha sunndach, tha gach cùis mar is còir dhi,
Biadh is deoch ann am pailteas, chan eil airce no leòn oirnn;
Dh'fhalbh an dèideadh 's an cnatan, dh'fhalbh an cansair 's an lòinidh,
Le bhith 'g òl an stuth bhlasta rinn Eàirdsidh Caimbeul air eòrna.

Ach cha robh e cho measail air obair na postaireachd:

'S i ceàird na rosaid a' phostachd
Do dhaoine bochda bhios gun tàmh rith';
Bidh iad a-muigh ris gach sìde,
'S an sluagh gan dìobradh 's gan càineadh;
Cha toir uisge no clach-mheallain,
Stoirm no sneachda, fois no tàmh dhaibh;
'S mur bi iad sona 's an t-sìorrachd,
'S truagh iad a thigh'nn riamh bho Àdhamh.

An dèidh fear MacFhraing a ghlacadh le na gèidsearan a' grùdadh le poit-dhubh, rinn e an t-òran Poit Dhubh MhicFhraing mar gum b' i a' phoit-dhubh fhèin a bha labhairt. Cha tachradh rud cho uabhasach anns an t-seann dùthaich, thuirt i:

Nam b' ann an tìr nan sàr-ghaisgeach,
Nan Gàidheal ghasta bha thall,
A rinn an nì bha seo tachairt –
Mar a ghlacadh MacFhraing;
Bhiodh an gèidsear fon casan
Ged bhiodh a dhaga na làimh,
'S iad nach tilleadh le taiseachd
'S nach biodh fo chasan nan Gall.

Tha sinn gu mòr an comain Sheonaidh Ailig Mhic a' Phearsain ann an Ceap Breatainn airson an fhiosrachaidh seo.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.