Poit Dhubh MhicFhraing

Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall MacIllFhialain (Dòmhnall Gobha) agus air a sheinn le: Aonghas MacIllFhialain (Ceap Breatainn).

This is a song written by: Dòmhnall MacIllFhialain (Dòmhnall Gobha) and sung by: Aonghas MacIllFhialain (Ceap Breatainn).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Mìle marbhaisg air an t-saoghal,
'S mise dh'fhaodadh a ràdh;
'S ann ormsa thàinig an caochladh
Seach aon uair mar bha.
'S mi nach bitheadh nam aonar
Air faondradh gun stàth;
Nach bochd mo sgeul leibh a dhaoine
'S mi 'n-diugh 's mo thaobh air an làr.

Anns an linn a chaidh seachad
Bu mhòr am beachd air mo ghnìomh;
Bha mi 'n uair sin glè reachdail
Le mac na braiche ga shnìomh.
Bha daoin'-uaisle leam cleachdte,
'S cha be 'm beachd a bhiodh crìon,
'S iad nach buaileadh orm bata
Ged tha 'n-diugh gaiseadh nam chliabh.

Bho linn bàs an duine shaoibhir,
Gilleasbaig Caimbeul mo ghràidh,
Cha robh neach ann ri cainnt rium
'S cha mhuth' sheinnt' orm dàn,
Gus 'n do cheannaich MacFhraing mi,
Fear gun ghamhlas do chàch;
Chuir e suas mi 'n taigh samhraidh
'S bu mhòr an call rinn sin dhà.

Rinn e gach nì mar bu mhiann leam
'S cha robh e spìocach mu dhèidh'nn;
Fhuair e copar gu cliath dhomh
'S phàigh e dèanamh ga rèir.
Bha gach nì an deagh riaghailt
Mar bu mhiann leinn gu feum,
'S thàinig cealgair' mar ghadaich'
A rinn ar glacadh le chèil'.

'S e gèidsear dubh na ban-ionnsaich'
Thàinig gar n-ionnsaidh a-nis;
Cha mhuth' bheir mi de chliù
Dhan neach a dh'ionnsaich dha slios.
Ged dhèanainn beagan de lionn
Cha b' ann air cosg a' chrùin bha mi ris;
Nach ceàrr 's nach d' rinn mi mì-ùmhlachd,
Mo thoirt gu cùirt gun luchd-meas.

Carson a chuirt' orm cìs
Airson ar cuid fhìn chur air dòigh,
An dèidh a phàigheadh dà-fhillte
'S fhaighinn sgrìobhte le còir?
Ma gheibh fear casga molasses,
Nach eil e ceart dha gu leòr
A chur gu feum mar is math leis
'S ma bhios e taitneach ri òl.

Na daoine còire dh'fhalbh uainne
'S nach eil buan, 's mòr an call;
Bu mhiann leo' suidhe mun cuairt orm,
'S iad fhèin bhiodh suairce mun dram.
Ciamar dh'iarramaid de dh'àilgheas
Ach a bhith mar bha iad san àm?
Sinn an dòchas an-dràst'
Iad bhith 'n sòlas gràsmhor gun cheann.

Nuair a chruinnicheadh a' chòisir
De dhaoine còire bhiodh ceart,
B' e 'm miann gum faighte nan còmhdhail
Mac na Tòisich gu pailt.
'S e bheireadh misneachd is dòchas
Dhan fhear òg a bhiodh tais,
A dh'fhàgadh ìosal fear bòsdail,
'S a dhèanadh òg am fear glas.

Ciamar dh'fhanas mi sàmhach
'S mo chridhe cràidhteach nam chom?
Cò an neach anns an àite
Nach gabhadh pàirt ann am chainnt?
Nuair a chì iad an nàbaidh
A bha ro-chàirdeil 's gach àm
Air a ghlacadh gun fhàbhar
'S a chur fo chàin a bha trom.

Nam b' ann an tìr nan sàr ghaisgeach,
Nan Gàidheal gasta bha thall,
A rinn an nì bha seo tachairt,
Mar a ghlacadh MacFhraing;
Bhiodh an gèidsear fon casan
Ged bhiodh a dhaga na làimh;
'S iad nach tilleadh le taiseachd,
'S nach biodh fo chasan nan Gall.

Seinneadairean / Performers

Aonghas MacIllFhialain (Ceap Breatainn)

B' e ogha den bhàrd, Dòmhnall MacIllFhialain, Dòmhnall Gobha, a bh' ann an Aonghas MacIllFhialain à Mira Mhòr an Ceap Breatainn. Bha e na shaighdear ...

Fiosrachadh air Aonghas MacIllFhialain (Ceap Breatainn) / Learn more about Aonghas MacIllFhialain (Ceap Breatainn)

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.