Òran air a sgrìobhadh le: Iain Mac a' Ghobhainn (Bàrd Iarsiadair) agus air a sheinn le: Tormod Mac a' Ghobhainn.
This is a song written by: Iain Mac a' Ghobhainn (Bàrd Iarsiadair) and sung by: Tormod Mac a' Ghobhainn.
A fhleasgaich gun chèill, gur beag a tha dh'fhios agad,
Fhleasgaich gun chèill, nach tuigeadh tu chòir,
Mur h-aithne dhut fhèin e, innsidh mise dhut
Liùthad rud ceanalta dhèanadh bean òg.
Ged bhiodh tu brònach 'n àm tighinn dhachaigh dhut,
Thilgeadh bean òg dhiot eallach a' bhròin;
'S ged rachadh an saoghal truimeach air h-earrach ort,
Gheibheadh tu cadal an achlais mnà òig.
Dhèanadh i càrdadh, dhèanadh i calanas,
Dh'fhuineadh i aran is bhleòghnadh i bò;
Dhèanadh i èibhinn 'n àm dol a chadal thu
'S iomadh rud beannaicht' bhiodh agaibh gu lò.
Chuireadh i teaghlach brèagha mun teine dhut,
'S èibhinn an sealladh am faicinn mun bhòrd;
Òganaich fhìorghlan sìor dhol am fearachas,
Maighdeannan beadarrach, leadanach, òg.
Ged bhiodh fear-pòsta greis air an allaban,
Nuair thig e dhachaigh bidh aitreabh air dòigh;
Ach 's ann tha mo thruas ri fàrdach an t-seana-ghille;
Bidh i gun teine, gun duine na còir.
Chuireadh i fàilt' ort, chuireadh i furan ort,
Dh'èisteadh tu mànran lurach a beòil;
Bidh fear na mnà òige gu sòlasach cuideachdail,
Seann fhleasgach luideach na bhurraidh ri bheò.
Nuair bhios càch gu mànranach, suigeartach,
'S ann a bhios tusa 's do dhuilgheadas mòr,
Measg nan crann àrda 's blàth air na h-uile fear,
Mar chraoibh air a h-uilinn, gun duilleach, gun ròs.
Fhleasgaich, 's ann shaoilinn gaol dhut na amaideas:
Their thu "Is daorsa bhith ceangailt' ri òigh";
Slabhraidh a' ghaoil, gur h-aotrom an t-eallach i
Freagraidh i 'n amhach nas maisich' nan t-òr.
Nuair thig an aois chreubhach ort, trèigidh do mhisneach thu,
Tuitidh do spiorad le cudrom a' bhròin;
'S nuair nì thu èirigh gu teanntainn ri gillealas,
Caillidh na h-iosgaidean gliogach an treòir.
Sguiridh tu shuirghe, 's coma leat leannanachd,
Leigidh tu d' phears' ann am fasan nach còir;
'S cha bhi càil èibhinn tuilleadh air thalamh a'd
Ach leisg agus cadal, tombac' agus òl.
Nuair thig ort an aois gun duine nì d' anacladh,
Searbhant no sgalag chan fhaigh thu rid bheò;
Feumaidh tu strìochdadh 's do chùisean thoirt thairis,
'S e airgead na caillich bhios agad fa-dheòidh.
Nuair thig am bàs ort, cò nì alair dhut?
Tilgidh fear-fuadain thairis ort fòd;
Triallaidh tu null 's cha bhi ionndrainn air thalamh ort
Bidh tu mar mhadadh a thachdadh air ròp.
Rugadh agus thogadh Tormod Mac a' Ghobhainn aig 3, Àrd Dhail ann an Nis, Leòdhas, air 25 Sultain, 1953. B' ann à Leòdhas a bha ...
Fiosrachadh air Tormod Mac a' Ghobhainn / Learn more about Tormod Mac a' GhobhainnCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.