Rugadh agus thogadh Tormod Mac a' Ghobhainn aig 3 Àird Dhail ann an Nis, Leòdhas, air 25 Sultain, 1953. B' ann à Leòdhas a bha a phàrantan, Aonghas Ruadh a' Bhìogarnaich à Àird Dhail agus Catrìona Phoisean, à Col Uarach.
Chaidh e gu Bun-sgoil Chrois agus an uair sin gu Sgoil Lìonail airson dà bhliadhna. Rinn e an treas agus an ceathramh bliadhna ann an Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh mus deach e do Chaisteal Steòrnabhaigh airson bliadhna a thoirt ag ionnsachadh marachd.
Chaidh Tormod gu muir domhainn ann an 1970 mar cadet agus lean e leis an aon chompanaidh, Scottish Ship Management à Glaschu aig an robh na Baron boats agus na Cape boats, gu 1984 nuair a bha na companaidhean Breatannach a' dùnadh an dorsan agus a' pàigheadh maraichean dheth.
Mun aon àm bha droch thubaist rathaid aige agus chan fhaigheadh e air ais gu muir domhainn a' chiad ghreis, agus le sin fhuair e cosnadh a' dràibheadh a' bhan aig bùth nam pàipearan ann a' Steòrnabhagh airson trì mìosan.
Thill e air ais gu muir, an turas seo dhan a' Chuan a Tuath air soitheach Diving Support, ach cha b' e na bàtaichean teicnigeach ris an canar sin an-diugh a bh' ann ach seann thràlair!
'S ann a' feitheamh timcheall nan crainn-ola a bha iad agus cha do chòrd seo ri Tormod. Dh'fhàg e agus fhuair e obair aig na maoir-chladaich ann a' Steòrnabhagh. Ged a thug e sia bliadhna san obair sin bha e ag ionndrainn an t-seòlaidh. "Cha robh a bhith na mo shuidhe a-staigh ann an oifis a' còrdadh rium, gu h-àraidh leis na bha de paperwork ann!"
Fhad 's a bha e ag obair còmhla ris na maoir-chladaich bha aige ri dèiligeadh tric ris na meadhanan. Thug e seachd mìosan ag obair dhan BhBC an dèidh na maoir-chladaich fhàgail mus d' fhuair e air ais gu muir san Earrach 1992 air tè de shoithichean-dìon an iasgaich.
Ann an 1995, an dèidh a bhith suidhe dheuchainnean ann an Colaiste na Maraireachd an Glaschu choisinn Tormod tiogaid sgiobair.
Bha e air a bhith còmhla ri soithichean-dìon an iasgaich còig bliadhna nuair a chaidh a ghoirteachadh air bòrd tè de na bàtaichean beaga aca nuair a rug stoirm orra anns a' Chuan a Tuath. Mar a chanas e fhèin, "Breitheanas airson a bhith togail lìn-bhradain agus chaidh mo phàigheadh dheth!"
Bliadhna an dèidh sin fhuair e obair aig an ola air FPSO, tancair le crann-ola air an deic aice. Obair chudromach, ach obair nach robh a' tighinn ri chàil:
"Bha mi na mo shuidhe sa Chontrol Room air beulaibh tòrr sgrions a bha cur air agus dheth na generators airson an dealain, a' lionadh nan tancaichean le ola, agus a' bruidhinn air rèidio ri na heileacoptairs is bàtaichean a bha a' tighinn thugainn. Pàigheadh math, ach bha an eanchainn agam a' fàs maol na mo shuidhe air beulaibh na sgrions airson dà uair dheug gach latha!"
Fhuair e obair mate aig Cal-Mac ann an 2002 agus tha e air a bhith an sin on uair sin, a' chuid as motha dhen ùine air a' Heb neo an Isle of Lewis, ged a tha e air cuairtean a dhèanamh air bàtaichean eile an Ìle agus a-mach à Malaig.
Ann an 1989 phòs Tormod agus Sandra Nic a' Mhaoilein, an nighean aig Robin, ged is e Alasdair an t-ainm ceart a th' air, à Gearradh Sgo ann a' Lacasdal, agus Eva a' Bhidian, à Tung. Tha an dachaigh air a bhith ann an Griais bho chionn dusan bliadhna agus tha dithis chloinne aca, Coinneach agus Karen.
Tha Tormod dèidheil air spòrs agus gàirnealaireachd agus tha seann char aige. Le bhith na bhall den Western Isles Classic Car Club bidh e a' falbh còmhla riutha air turas gu tìr-mòr gach bliadhna.
B' àbhaist dha a bhith a' seinn còmhla ri Còisir Sgìre a' Bhac. Tha e dèidheil air ceòl, gu h-àraidh sa Ghàidhlig. Airson feuchainn aig mòdan bhiodh e a' faighinn cuideachadh bho Anna NicLeòid, Anna Dholaidh, agus choisinn e am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs aig Mod an Òbain ann an 2003.
Bidh e fhathast a' seinn aig corra chèilidh, ach chan eil mòran dhiubh ann an-diugh agus chan eil e furasta dha faighinn gu cèilidhean leis mar a tha an obair aige ga thoirt air falbh bhon taigh.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.