Iain Mac a' Ghobhainn (Bàrd Iarsiadair)

Rugadh Iain Mac a' Ghobhainn, Seonaidh Phàdraig no Bàrd Iarsiadair, ann an Iarsiadair ann an Ùige Leòdhais ann an 1848.

Bha athair, Pàdraig Fhearchair, na thuathanach agus 's ann aige a bha tuathanas Iarsiadair agus taigh an tac. Bha a mhàthair, Seònaid Mhurchaidh Dhoiligean, à Tàcleit ann am Beàrnaraigh Leòdhais. Cha robh a phàrantan pòsta agus bha e air a ràdh gu robh dà phiuthar aig Pàdraig agus gur iadsan nach leigeadh leis Seònaid a phòsadh, ged a bha e airson sin a dhèanamh.

Air prògram a rinneadh leis a' chompanaidh neo-eisimeileach Bùrach do BhBC Radio nan Gàidheal, dh'innis Mòr NicLeòid, i fhèin à Iarsiadair, mar a thogadh am bàrd:

"Thog athair e le cuideachadh banaltram, boireannach gasta à Ènecleit ann an Ùig. 'S e Mairead Iain Òig a chanadh iad rithe, agus chuir athair a-mach rùm air taigh an tac agus bha an leanabh ann a' sin, air a thogail leis a' bhanaltram agus i glè cheangailte ris."

Air an aon phrògram, dh'innis Aonghas Dòmhnallach à Beàrnaraigh mar a thachair do Sheònaid:

"Seachdain mus do dh'fhalbh iad a dh'Ameireaga thàinig màthair a' bhàird a dh'Iarsiadair 's chaidh i an eisimeil boireannach as a' bhaile againne. 'S chaidh i a-null, 's dh'fhàg i aodach aig an leanabh 's i a' falbh a dh'Ameireaga. Agus dh'fhalbh i còmhla ris an t-sluagh a dh'fhalbh ann an 1851. Bha e air a ràdh nach robh i beò thall ach dà bhliadhna."

An dèidh a dhol do Sgoil Chrùlabhaig ann an Ùig agus Àrd-sgoil ann a' Steòrnabhagh, chaidh Seonaidh Phàdraig a dh'Oilthigh Dhùn Èideann gus ceum ann an dotaireachd a thoirt a-mach.

Fhuair e oideachadh math agus farsaing san Oilthigh, agus rinn e math innte, ach an ceann còig bliadhna b' fheudar dha tilleadh dhachaigh air sgàth droch shlàinte. Bha e a fulang leis a' chaitheamh, galar air nach robh leigheas aig an àm, a dh'aindeoin na dh'fheuch e, mar a dh'innis Mòr NicLeòid:

"Bha tobar le bùrn iarainn aig oir a' bhaile agus bho dh'fhàs e air chor 's nach b' urrainn dha fhèin a ruighinn, bhiodh e ag iarraidh am bùrn sin a thoirt thuige, gu robh slàinte as a' bhùrn. Agus bhiodh tè dhen na comhaoisean aige, Cairistìona 'an 'ic Chaluim, a' toirt thuige a' bhùrn sin a h-uile latha."

Chuir Seonaidh Phàdraig seachad na seachd bliadhna mu dheireadh de bheatha ann an Leòdhas. Cha robh e ach 33 bliadhna a dh'aois nuair a bhàsaich e, ann an 1881.

Tha mu 1540 sreath de bhàrdachd Sheonaidh Phàdraig air sgeul, agus sin gu ìre mhòr mar thoradh air cuimhne aon duine. Aig toiseach na ficheadamh linn bha Iain MacLeòid, a bhuineadh don Eilean Sgitheanach ach a bha na mhaighstir-sgoile ann am Beàrnaraigh, a' cruinneachadh na bàrdachd a chuir e an clò anns an leabhar Bàrdachd Leòdhais sa bhliadhna 1916.

Bha e air iomradh a chluinntinn air Seonaidh Phàdraig agus a bhàrdachd, ach b' ann aig fear, Seòras Iain Ghobha, a fhuair e i, 30 bliadhna an dèidh bàs a' bhàird. Tha cuimhne aig Mòr NicLeòid air Seòras Iain Ghobha:

"Tha cuimhn' agam oidhcheannan geamhraidh, 's bhiodh sinn a-staigh agus nuair a chluinninn an doras a' fosgladh bhithinn ag ràdh rium fhìn, "Tha mi an dòchas gur e Seòras Iain Ghobha a tha seo.

'S e duine iongantach a bh' ann a' Seòras fhèin. Bha e air ceithir bliadhna a thoirt a' toirt a-mach ceàird na greusachd ann an Steòrnabhagh, ach cha robh mar gum biodh tlachd sam bith aige ann. 'S ann a bha tlachd aige ann an eachdraidh agus ann a' leughadh agus ann a bhith ag innse na h-eachdraidh. Bha cuimhne aige a bha annasach, iongantach."

Mar a chithear ann am Bàrdachd Leòdhais, far a bheil 18 dàn le Seonaidh Phàdraig air am foillseachadh, rinn e bàrdachd de dhiofar sheòrsa. Rinn e òrain aotrom mu thachartasan agus mu dhaoine, dàin ag innse seann sgeulachdan gaisgeil, agus grunn dhàin fhada air cuspairean mar carthannas, uamhair agus dòchas, a' beachdachadh air moraltachd agus tric a' tarraing air strì an fhearainn.

A' bruidhinn air prògram Gàidhlig a' BhBC air 23 Cèitean, 1957, thuirt an t-Urramach Calum Mac a' Ghobhainn:

"Tha dà nì sònraichte ann a tha a' brosnachadh an duine chòir seo gu bàrdachd. An toiseach am fòirneart mhòr a bha air a dhèanamh na latha air a chomh-luchd-dùthcha. A-rithist, an co-fhaireachdainn domhainn agus Crìosdail a bha aige-san riutha "nan teinn 's nan àmhghair gheur."

Tha seo glè shoilleir as na h-òrain 'Spiorad a' Charthannais', 'Spiorad an Uamhair', 'Am Brosnachadh', 'Allt a' Bhonnaich' agus 'Sgoil a' Chruadail'.

Tha e a' cur a mheur dhuinn a-rithist agus a-rithist air prìomh adhbhar uilc, ainneart agus droch-bheairt anns gach linn, agus, mar an ceudna, ag innse dhuinn gu tric agus gu soilleir an aon leigheas a tha orra gu lèir.

Tha e a' treòrachadh ar n-inntinn ball dìreach gu faicinn a' ghnè spioraid a bha air cùl agus aig freumh an-iochd Siamarlan Dòmhnall Rothach a bha an Leòdhas, agus bàillidhean eile air feadh na Gàidhealtachd.

Aon de na h-ainmean a tha aige air seo, 's e 'Spiorad an Uamhair'."

Is mòr thu, Spioraid an uamhair!
Bha thu buadhach anns gach àite
Bha thu rìoghachadh bhon uair sin
Anns an tug thu buaidh am Pàras;
Ged nach faigh thu làmh an uachdar
Air an Tì tha shuas sna h-àrdaibh,
'S iomadh soirbheachadh a fhuair thu
On a bha thu cruaidh is dàna.

Cuiridh tu an t-ùmbaidh riaghladh
Is bheir thu sealladh iargalt' àrd dha;
Sìnidh e mach slat iarainn
Chum ar riasladh mar is àill leis.
Nam faigheadh e siud a dhùsachd
Mar a lùigeadh cridhe 'n àilgheis,
Bhiodh e fhèin air cathair shoillsich
'S daoine is ainglean chaoidh nan tràillean.

Lean an t-Urramach Mac a' Ghobhainn air:

"Mar a chuir am bàrd dhuinn an cainnt cho drùidhteach agus an dealbh cho fìor, ana-Crìosdalachd, sgrios agus milleadh 'Spiorad an Uamhair' nuair a gheibheadh e uachdranachd san stàit agus san eaglais, tha e a' cur a' cheart cho cothromach is cho dealbhach an nì a mharbhas e mu dheireadh. Is e an t-ainm a th' aige air seo 'Spiorad a' Charthannais'."

O Spioraid chaoimh nan gràsalachd!
Nam biodh tu tàmh nar còir
'S tu dh'fhuasgladh oirnn 's a shlànaicheadh
An dream tha cnàmh le leòn.
'S tu thogadh cridh nam bantraichean
Gu seinn le aiteas mòr;
'S nach fàgadh gu neo-choibhneil iad
An gainntir dorch' a bhròin.

Na bheatha ghoirid choinnich Seonaidh Phàdraig ri briseadh-dùil, ri fulangas agus ris a' bhàs, gun a dhòchas a chall:

O dhuine, tha beò le saothair gheur
'S tu gearain pèin an còmhnaidh,
Ged doirbh do staid cha chreid mi 'n sgeul
Gun d' rugadh dh'ionnsaigh bròin thu.
Ged tha thu dh'oidhch' 's a là fo chual
A' gleac 's a' spàirn ri saoghal cruaidh
Tog do shùil is amharc suas,
Seinnibh Laoidh an Dòchais.

Rinn Seonaidh Phàdraig Òran an t-Seana Ghille an dèidh dha cluinntinn rann a rinn fear eile sa sgìre, mar a dh'innis Mòr NicLeòid:

"Bha bodach as a' sgìre agus bha a bhean air bàsachadh greis ron a' sin agus bha e na aonar ach an aon mhac a bha còmhla ris san dachaigh. Agus 's e Coinneach a bh' air a mhac, 's bha am bodach a' fàs aosta.

'S a' latha bha seo, 's ann a thuirt e, "O Choinnich," ars esan, "nach fheàrr dhut pòsadh ach a' faigh sinn bean-taighe. Tha mise a' fàs cho lapach agus cho sean."

'S ann a fhreagair Coinneach e le rann agus thuirt e ri athair:

"Feumaidh mi leth-chrùn a thoirt dhan a' mhinisteir;
Feumaidh mi leabaidh is creathal is stòl;
Feumaidh mi mòran air nach eil fhios agam,
Ged a tha fios a'm air tuilleadh sa chòrr!"

'S ann a chuala Bàrd Iarsiadair seo agus fhreagair e mar seo e:

A fhleasgaich gun chèill, gur beag a tha dh'fhios agad,
Fhleasgaich gun chèill, nach tuigeadh tu chòir,
Mur h-aithne dhut fhèin e, innsidh mise dhut
Liùthad rud ceanalta dhèanadh bean òg."

Tha sinn gu mòr an comain Cathy NicDhòmhnaill agus an companaidh Bùrach airson an cuideachadh leis an fhiosrachadh seo.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.