Òran air a sgrìobhadh le: Anndra Noble agus air a sheinn le: Alasdair MacLeòid.
This is a song written by: Anndra Noble and sung by: Alasdair MacLeòid.
Chaidh mi do na Hearadh mar nach b' aireach leam air chuairt
'S ann aig àm nan òrduighean 's bu mhòr a bh' ann de shluagh;
B' e siud an comann sòlasach nach b' eòl dhomh san taobh tuath
Coitheanal cho stòlda bhon a thòisich cuid Diluain.
Bha MacCoinnich is a' Stiùbhartach, an dùil ri dhol an cuan,
Thuirt Coinneach, "Thèid mi mach leibh, bhon tha gheat agam cho luath."
Chaidh sinne sìos a Sgalpaigh gus an t-aiseag fhaighinn bhuaith,
'S bha Hilda air an acair, as an acarsaid a Tuath.
'S nuair chaidh sinn uil' air bòrd innte 's a chaidh cuid sheòl chur suas,
Bha 'n caiptean fhèin gu mòralach ri cuir nan òrdan bhuaith';
Gu sgiobalta gach seòladair bha am-measg nan ròpan shuas
'S cò nach fhaiceadh bòidheach i nuair thog i sròin ri cuan.
'S ged a bha i pailt a bhallaiste bha 'n canabhas air rèir
Nuair dh'fheuchadh air a daraich i 's a sparradh i gu feum;
Bu shunndach dlùthmhor Alasdair 's na balaich innt' gu lèir
Am measg nan ròp 's gan teannachadh le barantas nach trèig.
'S b'e siud a' soitheach astarach gu marcachd nan tonn àrd
Nuair leig sinn i gu fuaradh 's ann ri gualainn a bha ghàir;
Bha Coinneach air a' stiùir aice 's cha b' ann gun tùr a bha
'S e fhèin nach caomhnadh srann oirr' ach an crann e dh'fhuireach slàn.
A dol a-mach air Hamarsaidh 's i acfhainneach air ghleus,
Chanainn-sa gum fàgadh i 'n Dunara às a dèidh;
'S i siud an tè nach fàilligeadh 's nach sàraicht' anns an rèis,
'S a bheatadh ged bhitheadh gailleann ann gun mhaille dhol na ceum.
Nuair thainig i on iar dheas oirnn‚ bu mhiann leam bhi air tìr,
Bha 'n t-uisge ris a' bheul aice, bha a cliathaich os a cinn;
Bha ise smùideadh thairis mar a ghearradh i na tuinn,
Ach 's ann bha 'n gnothaich fàbharach nach d'fhàg i mise tinn.
'S nam b' urrainn dhomh cha chaomhnainn e a cliù a thogail suas
Nuair ghiùlain i na h-Urramaich bha dol air thurus cuain;
Cha tilleadh i, cha diùltadh i, cha tionndaidheadh i mun cuairt,
Gun cuireadh i 'n Loch Ùige sinn, cho sunndach is a fhuair.
Rugadh Alasdair MacLeòid ann an Sgalpaigh anns an t-Sultain 1934, an seachdamh duine anns an teaghlach aig Coinneach Iain agus aig Maighread ...
Fiosrachadh air Alasdair MacLeòid / Learn more about Alasdair MacLeòidCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.