Rugadh Anndra Noble anns na Hearadh ann an 1823, mac le Tòmas Noble à Kirkhill an Inbhir Nis agus Catrìona Fhriseal. Bha Tòmas na fhear-teagasg anns na Hearadh aig aon àm, ann am Pabaigh a rèir coltais mu 1820, anns an Eilean Sgitheanach agus 's dòcha an Uibhist a Tuath. Bha ochdnar theaghlach aige, triùir bhalach agus còignear nighean.
Ged nach eil fhios an robh Anndra air a bhreith mus do dh'fhàg an teaghlach Kirkhill, tha fios gun d' thug e greis ann an Sgoil Inchberry far an robh Laideann air a theagaisg.
Bha Anndra pòsta aig Mairead NicChoinnich agus b' e miseanaraidh, ceistear agus fear-teagasg a bh' ann a thug mu fhichead bliadhna a' saothrachadh anns an Eilean Sgitheanach. Bha meas mòr air mar shoisgealaiche ged nach robh dreuchd ministeir aige.
Anns an iris Gairm (Àireamh 85), sgrìobh an t-Urramach Iain MacAonghais, a' Chananaich, mu na chuala e fhèin na òige mu Anndra Noble:
"Duine sìobhalta neo-lochdach, agus cha robh smal air a chliù. Duine nach robh dèidheil air a bhith smachdail mar a bha cuid de a dhreuchd."
Tha an t-Urramach MacAonghais ag innse mar a thachair do dh'Anndra bochd turas is e a' ceasnachadh an t-sluaigh ann an taigh am baile Ramasaig. Bha cìobair Hearach as an Eilean aig an àm, "Duine beag làidir ruighinn a bha ann. Bha facal geur eirmseach aige airson gach cùis, agus bha e ainmeil airson geur-labhairt agus bearradaireachd."
Nochd an cìobair Hearach ann a' Ramasaig, acrach agus pàiteach, is e air tighinn astar a choimhead a chàirdean. Dh'fhosgail e doras an taighe is cha do chòrd na chunnaic e ris idir. Mar a tha an t-Urramach MacAonghais ag innse:
"Dè a choinnich a shùil ach a' mhòr-chuid de mhuinntir Ramasaig nan suidhe gu dòigheil sòlaimte anns a' chidsin agus Anndra Noble, ceistear a' ghlinne, air an ceann.
Bha an Ceasnachadh a' dol air adhart, is balach òg is coltas diùid, nàrach air, a' gleachd ris "A' Ghairm Èifeachdach" no ri "Fìreantachd tre Chreideamh." Bha a h-uile coltas gu maireadh an Ceasnachadh uair no dhà fhathast.
Cha robh an smuain sin idir a' còrdadh ris a' chìobair, pàiteach, acrach mar a bha e. Chuir e roimhe gun cuireadh e stad air an deagh obair, agus bha a dhòigh fhèin aige air sin a dhèanamh.
Chuir e fàilte chridheil air a' chuideachd. "Cha leig sibh a leas am balach laghach sin a cheasnachadh. Tha fios agam gu bheil na ceistean aige air a theangaidh."
Agus an sin sheall e air Anndra, agus snodha gàire air, agus thuirt e: "A, Anndra, is mi fhìn tha toilichte ur faicinn an-diugh is sibh a' coileanadh dleastanas cho beannaichte. Chan ann mar seo a bha e uaireigin. Nach iomadh oidhche aighearach a bha aig an dithis againn o chionn fhada am baile Phort Rìgh. Ach bha sin mun d' thàinig atharrachadh nan gràs oirbh-se.
Ach, a bheil cuimhne agaibh air an latha ud air mullach Druim Ùidh, an latha a bha sibh fhèin agus An Ceàrd Mòr a' sabaid? Chan fhaca mise tuasaid cho tapaidh on latha sin fhèin. 'S mi fhìn a bha uasal asaibh gun do ghabh sibh air."
Dè a b' urrainn Anndra bochd a dhèanamh ach crìoch chabhagach a chuir air a' Cheasnachadh mus cuimhnicheadh an Cìobair Hearach air tuilleadh de sgeulachdan mì-tharbhach."
B' e gheat a bha aig ceannaiche air an robh Coinneach Caimbeul a bh' anns a' Hilda. Aig an àm a chaidh an t-òran a dhèanamh b' ann air an Tairbeart a bha muinntir Scalpaigh ag adhradh agus sin cuideachd far am biodh pòsadh, baisteadh is òrduighean. Bha dithis mhinistearan ag iarraidh a-null dhan Eilean Sgitheanach aig deireadh òrduighean agus thabhainn Coinneach Caimbeul còmhdhail dhaibh.
Chaochail Anndra Noble, aig aois 76, ann an Leth Pheighinn ann an Gleann Dail air 28 Cèitean, 1899. Tha e air a thìodhlacadh ann an Gleann Dail.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.