Rugadh Alasdair MacLeòid ann an Scalpaigh anns an t-Sultain 1934, an seachdamh duine anns an teaghlach aig Coinneach Iain agus aig Maighread Flòraidh.
Chaidh e do sgoil Scalpaigh, agus às dèidh an sgoil fhàgail chaidh e dh'ionnsachadh ceàird einnseanaireachd dealain aig Ferranti ann an Dùn Èideann. Bha e an sin gus an deach a thogail do Fheachd an Adhair ann an 1957, 's chuir e seachad dà bhliadhna leotha sin ann an Sasainn.
Thill e a Dhùn Èideann, ach chaidh e air ais a Scalpaigh ann an 1959, far an robh e ga chosnadh a' cur a-steach agus a' càradh innealan dealain.
Bha Iain, a bhràthair, air eathar iasgaich a cheannach ron sin, agus chaidh Alasdair innte còmhla ris ann an 1961. Bha airgead ri fhaighinn an uair sin, eadar iasaid agus tabhartais, o Bhòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd airson bàtaichean na bu mhotha, agus dh'fheumte ionnsachadh agus deuchainn a ghabhail os làimh gus tiogaid sgiobair fhaighinn. Fhuair Alasdair sin ann an 1965.
Fhuair iad bàta ùr air an tug iad An Rìbhinn Donn agus an ceann ùine cheannaich iad tè eile. Thàinig daoine dhachaigh à tìr-mòr aig an àm sin, le teaghlaichean òga, 's abair gu robh an t-eilean soirbheachail.
Chaidh obair an iasgaich bhuaithe mean air mhean, agus reiceadh an dàrna Rìbhinn Donn ann an 1989.
Phòs Alasdair Angusina NicSuain ann an 1971, agus tha còignear chloinne aca. Nuair a sguir e a dh'iasgach chaidh e air ais gu a sheann cheàird, ach fhuair e obair aig Gaelic Seafoods a' sgiobaireachd tè dhe na bàtaichean aca, an sàs ann an giollachd bhradan. 'S e Stolt Sea Farms a bh' orra nuair a ghabh Marine Harvest thairis iad ann an 2005, agus a sguir iad a ghiollachd an èisg anns an fhactaraidh ann an Scalpaigh. Leig Alasdair dheth an obair an uair sin.
Bu toigh leis riamh a bhith seinn, gu h-àraidh òrain a bhuineadh do Scalpaigh, agus òrain gaoil a bhiodh e cluinntinn aig a mhàthair. Tha ùidh mhòr aige ann an seinn nan Salm cuideachd, ged nach bi e dèanamh sin gu h-oifigeil.
Tha sinn gu mòr an comain Mhòraig NicLeòid, piuthar Alasdair, airson an fhiosrachaidh seo.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.