Marbhrann do Dhonnchadh Ruaraidh Sheonaidh

Òran air a sgrìobhadh le: Alasdair MacDhòmhnaill (Alasdair Raghnaill Ruaidh) agus air a sheinn le: Criosaidh NicEachainn.

This is a song written by: Alasdair MacDhòmhnaill (Alasdair Raghnaill Ruaidh) and sung by: Criosaidh NicEachainn.

Facail an Òrain / Song Lyrics

O, g' eil sinn fo mhulad
Dh'fhàg thu sinn fo leòn
On a dh'fhàg thu 'n t-àite
A rinn d' àrach òg;
Tìr nam preas 's nam bruachan
Tìr nan sliabh as bòidhch'
Uibhist nam beann uaine
'S an d'fhuair laoich an lòn.

Fhuair sinn sgeul Disathairn'
Thug dhuinn uile bròn;
Thusa, ghràidh, a Dhonnchaidh,
Thall air chuan fon fhòd:
Òigfhear thapaidh choibhneil
Làn de ghean is spòrs
Gheàrr am peilear uainn' thu
'S gun thu, luaidh, ach òg.

B' òg a dh'fhàg thu 'n t-Iochdair
'S thog thu ort dhan arm
A rèiseamaid Chloinn Chamshroin
Sheas ri iomadh càs;
Luchd nam breacan uaine
Sliochd nan uaislean còir,
Bidh an cliù 's an eachdraidh
Fhad 's bhios Gaidheil beò.

O, gum b' eòlach mis' ort
Nuair a bha sinn òg
Leum air feadh nam bruachan
Uallach mar bu chòir;
'S beag a shaoil sinn 'n uair sin
Blàr a bhith tighinn oirnn
Sinn a' ruith gu h-uaibhneach
Cas-ruisgt' feadh nan lòn.

A Ghearmailtich bha suarach
Na do ghnìomh 's nad dhòigh
Mheall thu sluagh an t-saoghail
Le mar luaths do bheòil
Ach gheibh thu buille chràiteach
Man tig crìoch a' bhlàir
'S bidh thu air do chlaoidh
'S cha tog thu ceann gu bràth.

Ach sguiridh mi dhen dàn seo
Le cion bhriathran beòil
Bho nach dèan mi bàrdachd
'S faoin a tha mo ghlòir;
Ach cha leig sinn dìochuimhn'
Fhad 's a bhios sinn beò
Air a' ghaisgeach uasal
Sheas a Righ 's a chòir.

Seinneadairean / Performers

Criosaidh NicEachainn

"'S e boireannach toilichte a th' innte. Sin a' chiad rud is urrainn dhomhsa ràdh mu deidhinn. 'S e boireannach toilichte, agus daonnan toilichte. Agus ...

Fiosrachadh air Criosaidh NicEachainn / Learn more about Criosaidh NicEachainn

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.