Cha robh Alasdair MacDhòmhnaill, Alasdair Raghnaill Ruaidh, às an Ìochdair an Uibhist a Deas, ach 16 nuair a rinn e am Marbhrann do Dhonnchadh Ruaraidh Sheonaidh, do Dhonnchadh MacIllEathain à Cill Amhlaigh an Uibhist a Deas. Bha Donnchadh bliadhna no dhà na bu shine na Alasdair, ach bha iad glè mhòr aig a chèile nuair a bha iad san sgoil an Uibhist.
Chaidh Donnchadh a thogail dhan arm, do Rèiseamaid nan Camshronach, agus an ùine nach robh idir fada chualas gun deach a mharbhadh. Aig an àm bha Alasdair as an Àrd-sgoil ann an Loch Abar agus rinn bàs a charaid dragh mòr dha, mar a tha follaiseach as a' mharbhrann.
Cha d' fhuair Alasdair fhèin saoghal fada. Chaochail e 's gun e ach leth-cheud.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.