"'S e boireannach toilichte a th' innte. Sin a' chiad rud is urrainn dhomhsa ràdh mu deidhinn. 'S e boireannach toilichte, agus daonnan toilichte. Agus cluinnidh tu i far nach fhaic thu i. Cluinnidh tu an gàire aice nuair a thèid thu a-staigh a dh'àite far a bheil i. Cluinnidh tu an gàire 's tha fhios agad gu bheil i ann."
Sin an dealbh a thug caraid dhi air Criosaidh NicEachainn, nuair a chaidh Saorsa Baile a' Ghearastain a bhuileachadh oirre aig Mòd Loch Abar ann an 2007.
Rugadh Criosaidh aig a' Chlachan Mhòr, anns an Ìochdar an Uibhist a Deas, ann an 1935. Rugadh a h-athair, Raghnall Ruadh, ann an Glaschu far an robh athair fhèin na gheàird air Cluaidh. Nuair a chaidh a bhàthadh, 's e a' feuchainn ri duine a shàbhaladh às an abhainn, thill a bhanntrach air ais dhan Ìochdar le Raghnall òg.
Nuair a thàinig Raghnall gu ìre chaidh e air ais a Ghlaschu agus sin far an do thachair e, aig sgoil dhannsa, ri bhean, Anna Nic a' Mhaoilein à Dalabrog.
B' e Maighstir Dannsa a bha ann an Raghnall agus ron chogadh bha sgoil dhannsa aige ann a' Staoineabric an Uibhist a Deas. Tha e coltach gu robh dealbh mòr dhe crochte ann an Taigh-òsta Loch Baghasdail ri linn Fhionnlaigh MhicCoinnich.
Thachair Criosaidh fhèin ri fear Sandy Mac a' Ghobhainn an Inbhir Lòchaidh a bha ag innse dhi gu robh a h-athair a' fuireach còmhla ris an teaghlach aca-san, Clann a' Ghobha, ann an Staoineabric nuair a bha an sgoil dhannsa a' dol.
Bha sgeulachd cuideachd ann ag innse mar a dhanns Raghnall Ruadh na flings turas aig geamannan Àsgairnis, air uachdar case beag donn, an seòrsa a bheireadh duine leis 's e falbh air deireadh sheachdain.
An dèidh an sgoil fhàgail chaidh Criosaidh gu a cosnadh an Glaschu. Thill i dhachaigh airson greis agus bha i ag obair ann an Loch Baghasadail mus deach i dhan Ghearastan a' choimhead às dèidh na cloinne do theaghlach aig an robh taigh-òsta.
An dèidh sin thill i a Ghlaschu far an do thachair i ri Raghnall MacEachainn às an Àird am Beinn na Fadhla. Bha Raghnall ag obair aig seirbhis nam prìosan gus na leig e dheth a dhreuchd ann an 1970. Fhuair e obair an uair sin ann an Sgoil a' Ghearastain agus ghluais iad gu tuath a' bhliadhna sin fhèin. Tha Criosaidh air a bhith air thaigheadas sa Ghearastan on uair sin.
Cha b' fhada gus an robh Criosaidh agus Raghnall an sàs ann am beatha nan Gàidheal sa bhaile, gu h-àraidh a thaobh Meur a' Chomuinn Ghàidhealaich ann an Loch Abar, agus tron obair ionmholta a rinn Criosaidh a' teagasg chòisirean òigridh ann an sgoiltean na sgìre. Mar a thuirt Teàrlach MacColla mu deidhinn air BBC Radio nan Gàidheal:
"Mur biodh Criosaidh cha bhiodh còisir òg againn, 's cha bhiodh feadhainn òg a' seinn mar a tha iad, mar a chithear aig a' Mhòd."
Dh'innis Criosaidh fhèin mar a thachair:
"Clann bheaga a bha mun cuairt a' seo, agus thòisich mi air am brosnachadh airson a' Mhòid. Agus bha iad a' dol ann agus bha iad a' buannachadh cuideachd, feadhainn aca.
An uair sin a' rud a thachair, chaidh m' fhiathachadh a-staigh dhan bhun-sgoil a' seo as a' Chùl agus bha mi dà bhliadhna as a' sgoil a bha sin. Agus bha còisir agam agus bha mi dol chun a' Mhòid leotha agus bha mi dol don Mhòd Rìoghail leotha cuideachd. Agus bha sinn a' buannachadh.
Agus an uair sin bha sinn oidhche as a' Mheur, bha coinneamh againn. Agus smaoinich iad, "Tha e caran beag ceacharra bhith dol a-staigh a dh'aon sgoil agus na bun-sgoiltean eile, 's gun facal Gàidhlig annta. Gu dè mu dheidhinn an tig thu staigh annta sin?"
"Well, ma tha iad fhèin deònach mo ghabhail," ars mise, "thig mise ann."
Agus chaidh mi-fhìn agus tèile mun cuairt nan sgoiltean is dh'fhaighneachd sinn dhaibh an robh iad deònach mise leigeil a-staigh, an dèidh dhan sgoil a bhith dùinte, airson uair an uaireadair airson a' chlann a theagasg, clann sam bith a bha airson tighinn thugam.
Agus sin a-nis mar a thòisich na sgoiltean. Agus às a' sin a rinn mise an còisir, uiread seo às a h-uile sgoil. Agus tha mi gan coinneachadh as a' Chommunity Centre as a' Chùl."
Mar a dh'innis caraid eile:
"Tha sgilean àraid aice airson a bhith ag obair còmhla ri cloinn agus airson a' chuid as fheàrr a thoirt à clann. Tha i air a bhith gan teagasg ann an Gàidhlig agus ann an ceòl fad nam bliadhnaichean. 'S nuair a chluinneas tu a' chlann sin a' seinn ann an Gàidhlig, mhionnaicheadh tu gur e fileantaich a bh' annta. Tha iad cho sgileil 's a ghabhas tu, agus tha i air obair uabhasach a dhèanamh còmhla ri òigridh a' seo."
Chan eil duine aig a bheil ùidh ann am Mòdan nach eil eòlach air a bhith faicinn Coisir Òg Loch Abar, a tha air a bhith togail dhuaisean bliadhna an dèidh bliadhna bho chionn 30 bliadhna fo stiùir Chriosaidh.
Chan e a-mhàin gum bi iad a' frithealadh Mhòdan, bidh iad a' seinn aig iomadh tachartas anns an sgìre, aig bainnsean agus cuirmean eile. Bidh iad cuideachd a' seinn laoidhean Nollaig gach bliadhna aig Caisteal Inbhir Lòchaidh.
Fad nam bliadhnaichean, bha Raghnall nach maireann a' toirt taic do Chriosaidh agus don chòisir ann an iomadh dòigh, agus gu h-àraidh a' tional an airgid a leigeadh leotha siubhal gu Mòdan is eile.
Tha Criosaidh a' teagasg inbhich cuideachd, aig ìre a' Bhuinn Airgid is Òir, agus tha mòran a th' anns a' chòisir a tha i a' teagasg airson seinn leotha fhèin.
Dh'ionnsaich Criosaidh i fhèin mòran òrain bhon t-seinneadair Ceit NicNeacail (Ceit Phàdraig) às an Ìochdar. Dh'innis i sgeulachd a tha toirt sealladh air an ùidh a bha, agus a tha, aice ann an òrain:
"Tha cuimhn' agam aon trup a chaidh mi ann 's mi ag iarraidh òran oirre, 's och bha i cho searbh dhìomsa a' dol a dh'iarraidh nan òran 's cha robh mis' ach gu math beag an uair sin, gu math beag as a' sgoil, ach bha na h-òrain aice a' còrdadh rium co-dhiù 's bhithinn gan iarraidh oirre.
"O teann a-mach às a' rathad, thu fhèin 's na h-òrain tha sineach!" arsa ise riumsa. "Tha mi seachd searbh a' toirt dhut òrain!"
"O Cheit!" arsa mise, "Coma leibh a bhith mar sin. Nach bi mise a' gabhail nan òran tha sin is sibhse marbh!"
Well, theab ise sracadh a' gàireachdainn nuair a thuirt mi sin rithe, 's mi cho beag. Ach fhuair mise na h-òrain o Cheit a dh'aindeoin 's co-dhiù bha i fed up dhìom gus nach robh.
Cha robh òran a chruthaich Dia nach robh aig Ceit Phàdraig. Bha an t-uabhas aice. Chan eil e gu diofar dè an t-òran a chanadh tu, no chluinneadh tu, 's faighneachd do Cheit an robh e aice. Bha e aice."
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.