le Cathy NicDhòmhnaill
Eachdraidh-beatha Valentina Tereshkova, a' chiad bhoireannach a chaidh do na speuran. Angus MacDonald tells Cathy the story of Valentina Tereshkova, the first woman in space.
Tha boireannach à Hong Kong air a dhol suas do na speuran an t-seachdain sa - Li Jiaying, a' chiad speuradair às a' bhaile Shìonach sin. Ach cò bh' ann an Valentina Tereshkova, a' chiad boireannach a chaidh do na speuran ann an 1963? Tha am fear-naidheachd Aonghas Dòmhnallach ag innse beagan mu deidhinn dha Cathy.
Le Latha Ball-Coise na Cruinne ga chomharrachadh an t-seachdain sa, tha Cathy cuideachd a' toirt sùil air ball-coise ionadail na Gàidhealtachd. Dè dìreach cho fallainn is a tha e? Sin a' cheist a th' aice do fheadhainn a tha a' cluich, a' coimhead, neo a' manaidseadh anns na lìogan sin.
Agus le làithean-spòrs ann an sgoiltean air feadh na h-Alba mun àm sa dhen bhliadhna, tha Cathy a' cuimhneachadh air seann làithean sgoile agus làithean dha-rìribh spòrsail le Norrie Dòmhnallach, Seumas Mac an t-Sagairt, agus Seonag NicAnndrais.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Yesterday09:00BBC Radio nan Gàidheal
- Yesterday22:55BBC Radio nan Gàidheal
