le Cathy NicDhòmhnaill
Tha Murray Macleòid agus Kirstie NicLeòid a' toirt sùil tro cholbhan beachd an deireadh-sheachdain. Murray Macleod and Kirstie Macleod review the weekend's newspaper columns.
'S iad Kirstie NicLeòid agus Murray MacLeòid a tha còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill air a' mhadainn-sa le 'n taghadh fhèin bho cholbhan beachd an deireadh-sheachdain.
Cluinnidh sinn bho Oifigear Coimhearsnachd Comann Rìoghail Dìon nan Eunlaith sna h-Eileanan an Iar, Shona NicIllfhialain, mu film anns an robh i an sàs a tha a' toirt stiùireadh do chloinn aire a ghabhail aig àm neadachaidh nan eun. Tha 'Bi Glic: Sgeulachd Gille-brìghde is Brìghde, mu dà gHille-brìghde a tha a’ fuireach anns na h-Eileanan an Iar 's ag innse mu dhùbhlan a tha roimhpe àl a thogail ann an àrainneachd a tha gu math nàimhdeil aig amannan.
'S e an-diugh Diluain na Caingis, an là gu h-eachdraidheil a bhiodh aig daoine màl a phàigheadh. Mìnichidh An Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart na cleachdaidhean co-cheanailte ri Làithean na Caingis.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Monday09:00BBC Radio nan Gàidheal
- Monday23:40BBC Radio nan Gàidheal
