
còmhla ri Niall Iain Dòmhnallach
Naidheachdan, còmhradh, spòrs, ceòl agus fealla-dhà còmhla ri Niall Iain Dòmhnallach. News, chat, sport, music and entertainment with Niall Iain Macdonald.
Chaidh ainmean a thoirt dha dà sheabhag-gorma a tha a' neadachadh ann an togalach Comhairle Baile Ghlaschu. Às dèidh bhòt poblach, 's e Isa agus Winston a th' orra, is iad air an ainmeachadh às dèidh charactaran Still Game. Tha Shona NicIllFhialain còmhla rinn airson beagan innse dhuinn mu sheabhagan-gorma.
Tha Marsaili NicLeòid air crìoch a chuir air an t-slighe-baidhsagal aice bho Chrìch na Tìre agus Taigh Iain Ghròit. Tha i còmhla ri Niall Iain airson innse mar a fhuair i air adhart.
Agus airson an t-seachdain mu dheireadh san t-sreath againn, tha Ùisdean MacLeòid a' feuchainn ri dà reasabaidh a dhèanamh a' cleachdadh dìreach aon ghrìtheid. An-diugh 's e ìm cnòtha-talmhainn a th' aige.
On radio
More episodes
Previous
Next
Broadcast
- Today12:00BBC Radio nan Gàidheal