Main content

còmhla ri Niall Iain Dòmhnallach

Naidheachdan, còmhradh, spòrs, ceòl agus fealla-dhà le Emma NicLaomainn. News, chat, sport, music and entertainment with Emma Lamont.

Tha cuairt-dheireannach an Champions League a’ dol air adhart aig arena Puskas san Ungair air an deireadh-sheachdain. Tha Ailig O’Henley air a bhith an làthair aig iomadh cuairt-dheireannach thar nam bliadhnaichean, agus tha e a’ toirt sùil air ais air na geamannan bhon cho-fharpais chliùiteach seo a tha air seasamh a-mach na chuimhne. Tha e cuideachd a’ beachdachadh air carson a tha uiread de tharraing agus cliù an lùib an fharpais shònraichte seo.

Am measg còmhraidh mu Burke agus Hare agus na h-eucoirean aca, thàinig a’ cheist am bàrr cuin a tha e “ceart” uaighean a chladhach. A bheil mìneachadh no stiùireadh ann mu cuin, no carson, a tha seo ceadaichte mar phàirt de chùis eachdraidheil no àrsaidheachd? Tha an t-àrc-eòlaiche Moira Piazzoli a' toirt beagan soillearachd air a’ chùis seo.

Tha Màiri Anna NicUalraig a’ toirt cunntas air sreath ùr a tha gu bhith a’ tòiseachadh air BBC Radio nan Gàidheal, air a bheil Beartas Ghuthan. Anns an t-sreath, tha Màiri Anna a’ cur fòcas air an ionnsramaid-ciùil as sine a th' ann, dè eile ach guth seinn, agus air an àite chudromach a th’ aig guthan ann an eachdraidh agus cultar.

29 days left to listen

1 hour, 27 minutes

Last on

Yesterday12:00

Music Played

  • New Radicals

    You Get What You Give

    • Capital Gold: Just Great Songs.
    • Priority.
    • 6 / 1.
  • Nothing But Thieves

    Evolution

    • Evolution.
    • RCA Records Label.
    • 1.
  • Layup

    In Common

  • Sheryl Crow

    Steve McQueen

    • (CD Single).
    • A&M.
  • DLÙ

    Cosmos

  • CHVRCHES

    Graffiti

    • Love Is Dead.
    • Glassnote Entertainment Group LLC.
    • 1.
  • Wrest

    Blunt Knives

  • Harry Styles

    American Girls

    • Kiss All The Time. Disco, Occasionally..
    • Columbia.
    • 2.

Broadcast

  • Yesterday12:00