Co-dhùnadh furasta dha Greumach tilleadh gu County

Brian GreumachTùs an deilbh, SNS
  • Air fhoillseachadh

Thuirt Brian Greumach gun robh e gu mòr 'son tilleadh gu Ross County ged a bha clubaichean eile air cùmhnantan a thabhainn air.

Tha na Staggies air dearbhadh gun till am fear-aghaidh, 38, nuair a thig an cùmhnant aige leis an Eaglais Bhric gu ceann.

Chluich an Greumach do Chounty an toiseach ann an 2015/16 nuair a bha e na phàirt den sgioba a bhuannaich Cupa na Lìge.

Thàinig e air ais ann an 2018 is chluich e dha na Staggies nuair a bhuannaich iad an Championship is an Cupa Dùbhlain.

Às dèidh dha Inbhir Pheofharain fhàgail an dàrna turas bha còig bliadhna aige le Partick Thistle is an uairsin seusan sa Phrìomh Liog leis an Eaglais Bhric.

A dh'aindeoin is gu bheil County air tuiteam gu Lìog 1 is gun robh clubaichean eile ga iarraidh, thuirt an Greumach gun robh e ag iarraidh air ais gu tuath.

"Tha e cho math a bhith air ais, às dèidh dhomh bruidhinn ris a' mhanaidsear thachair a h-uile dad gu math luath.

"Chan eil an cluba 'son a bhith ann an Lìog 1 is bhruidhinn e rium mu dheidhinn cultar a' chluba a chur air ais mar a bha e is cuid de na cluicheadairean òga a chuideachadh.

"Tha mi eòlach air a' chluba seo, bha mi soirbheachail an seo roimhe is tha mi 'son a bhith soirbheachail an seo a-rithist".

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte