Eas-aonta mu ùghdarras shingilte anns na h-Eileanan an Iar

- Air fhoillseachadh
Cuiridh Comhairle nan Eilean Siar plana gu Riaghaltas na h-Alba ro dheireadh na bliadhna airson ùghdarras singilte eileanach san sgìre, a dh'aindeoin is nach eil iad fhèin is Bòrd Slàinte nan Eilean Siar air an aon ràmh mun chùis aig an ìre seo.
Ruitheadh an t-ùghdarras ùr a thathar a' deasbad a' chuid mhòr de sheirbheisean poblach.
Tha aithisg, taobh a-muigh a chaidh air beulaibh na comhairle Diluain ag ràdh gun do rinn iad follaiseach cho fada air ais ri 2018 gun robh iad a' cur taic ris a' phrionnsabal seo.
Tha an aithisg ag ràdh gu bheil an obair gus modail ùr a thaobh mar a dh'obraicheadh ùghdarras singilte air leantainn aig "astar luath" anns na mìosan mu dheireadh, agus gu bheil e follaiseach gu bheil ùidh aig Riaghaltas na h-Alba ann, an dà chuid anns anns na h-Eileanan an Iar agus ann an sgìrean eile de dh'Alba.
An dèidh chòmhraidhean ron seo le na buidhnean poblach eile, 's e am modail a b' fheàrr leotha gun cuireadh a' chomhairle agus Bòrd Slàinte nan Eilean Siar freagairt còmhla gu Riaghaltas na h-Alba.
Ach ghabh an làn-chomhairle Diluain ris gun tèid iad fhèin air adhart le plana airson ùghdarras singilte eileanach, a dh'aindeoin 's nach eil am bòrd slàinte riaraichte leis aig an ìre seo.
Ùghdarras Singilte Eileanach?
- Air fhoillseachadh1 Am Màrt 2018
Ùghdarras Singilte Eileanach "nas fhaisge na bha e riamh"
- Air fhoillseachadh15 An t-Iuchar 2025
Deasbad às ùr mu Ùghdarras Eileanach Singilte do na h-Eileanan an Iar
- Air fhoillseachadh24 An t-Ògmhios 2025
Thuirt an aithisg gu bheil Comhairle nan Eilean Siar taiceil ri barrachd chòmhraidhean mu cho-obrachadh gus seirbheisean a thoirt còmhla, ach gur e a tha a dhìth aig an ìre seo ach "gluasad soilleir" a dh'ionnsaigh ùghdarras singilte a stèidheachadh, rud a tha iad ag ràdh a bheireadh ùine co-dhiù.
"Chan eil e cus buannachd tuilleadh chòmhraidhean a bhith ann mu dheidhinn mar a ghabhadh seirbheisean a thoirt còmhla, a dh'fhaodadh a bhith air tachairt ron seo.
"'S e beachd na comhairle gu bheil feum air modail riaghlaidh diofraichte gus dìon a chur air seirbheisean agus na goireasan a th' anns na h-Eileanan an Iar a chleachdadh san dòigh as èifeachdaiche a th' ann."
A' bruidhinn às dèidh na coinneimh, thuirt Leas-cheannard CnES gu bheil e den bheachd gum bi na molaidhean a chuireas am bòrd slàinte chun an riaghaltais "rudeigin coltach ris an roghainn a tha a' chomhairle a' cur air adhart".
"Tha sinne den bheachd le aon bhuidheann phoblach gum bi a' choimhearsnachd a' faighinn seirbheis nas fheàrr na tha iad an-dràsta," thuirt an Comh Donnchadh MacAonghais.
CnES a' moladh Ùghdarras Singilte Eileanach a bhith ann
- Air fhoillseachadh11 An Dàmhair 2024
Ach bha rabhadh aige cuideachd a thaobh na dh'fhaodadh tachairt mura bi aonta ann aig ìre ionadail.
"Tha atharrachaidhean a' dol a thighinn agus tha e nas fheàrr na buidhnean poblach sna h-Eileanan an Iar a bhith ag obair còmhla ri chèile airson mura h-obraich iad còmhla ri chèile 's dòcha gur ann nas miosa a bhios an roghainn a thig à Dùn Èideann."
Ann am brath, dhearbh Bòrd Slàinte nan Eilean Siar nach eil iad fhèin is Comhairle nan Eilean Siar air aon an ràmh mun chùis aig an ìre seo.
Thuirt an t-ùghdarras slàinte gur e "atharrachadh a bheir cùram agus seirbheisean nas fheàrr do mhuinntir nan Eilean Siar" an t-amas aca.
Thuirt iad: "Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar air a bhith soilleir, agus air roghainnean a mholadh air mar as fheàrr a ghabhadh leasachaidhean don phoball a choileanadh.
"Aig an ìre seo, chan eil aonta ann dha bheil an dà chuid Bòrd NHS nan Eilean Siar agus CnES a' cur taice."