Fear a bha a dhìth air a lorg

Poileas Alba
  • Air fhoillseachadh

Thuirt Poileas Alba gun deach fear a bha a dhìth às dèidh dha siubhal gu ceann a tuath na Gàidhealtachd a lorg.

Bha na poilis air taic a' phobaill iarraidh às dèidh do Thomas Crocker, 32, a dhol a dhìth bho Shiorrachd York a Tuath.

Dh'innis iad roimhe gun deach fhaicinn ann an Inbhir Ùige Diciadain an 20mh den Chèitean.

Ann am brath ùr thuirt Poileas Alba gun deach Mgr Crocker a lorg.

Thug iad taing dhan a h-uile duine a chuidich leis an fhiosrachadh mu Mhgr Crocker a sgaoileadh.