Shinnie air ais aig Caley Thistle

Graeme Shinnie a' togail Chupa na h-AlbaTùs an deilbh, Ian MacNicol
Fo-thiotal an deilbh,

Graeme Shinnie a' togail Chupa na h-Alba do Chaley Thistle Inbhir Nis an 2015

  • Air fhoillseachadh

Dh'ainmich Caley Thistle Inbhir Nis gu bheil Graeme Shinnie, a bha na sgiobair nuair a bhuannaich an sgioba Cupa na h-Alba an 2015, a' tilleadh chun a' chluba.

Thuirt ICT gu bheil Shinnie air ainm a chur ri ro-chùmhnant dà bhliadhna ann an Inbhir Nis agus gun till e chun a' chluba aon uair is gun tig an t-aonta aige le Obar Dheathain gu ceann.

Tha cha mhòr 11 bliadhna ann chun an là bho chluich Shinnie mu dheireadh do Chaley Thistle, is iad a' dèanamh a' ghnothaich air an Eaglais Bhric ann an cuairt dheireannach Chupa na h-Alba 2-1.

Chluich e 187 turas dhan chluba mus do ghluais e a dh'Obar Dheathain an 2015.

Dh'fhàgadh e Obar Dheathain airson cluich do Derby County agus an uairsin Wigan Athletic mus do thill e chun nan Dons ann an 2023, air iasad an toiseach mus do chur e ainm ri cùmhnant leantainneach.

B' e an sgiobair nuair a thog Obar Dheathain Cupa na h-Alba an-uiridh airson a' chiad turas ann an 35 bliadhna.

"Thòisich mi mo dhreuchd-cluiche an seo agus tha cuimhneachain fìor mhath agam," thuirt Shinnie.

"'S ann an seo far an do chluich mi a' chiad gheam agam, far an tàinig mi troimhe mar bhalach òg, agus an uairsin dh'fhàg mi le bhith a' buannachadh Chupa na h-Alba - cha b' urrainn na b' fheàrr na sin.

"Tha e sgoinneil a bhith air ais agus tha mi a' dèanamh fiughair ri cluich dhan sgioba a-rithist," thuirt e.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte