Celebrity Traitors - cò thig am bàrr?

Tha seachdnar fharpaiseach air fhàgail - cò thig am bàrr?
- Air fhoillseachadh
Rabhadh: Tha fiosrachadh an cois a' phìos seo mu phrògram nan Celebrity Traitors oidhche Dhiardaoin
Tha daoine de gach aois, anns gach ceàrnaidh den dùthaich, uair eile air am beò-ghlacadh leis na Traoidhtearan.
Thig an dàrna sreath de Celebrity Traitors gu ceann a-nochd - ach cò thig am bàrr?
Tha seachdnar air fhàgail.
'S e dìlsich a th' ann an Michael Sheen, Romesh Ranganathan, Sebastian Croft, James Blunt agus Leigh-Anne Pinnock.
Agus an dithis eile? Tha iadsan - Maya Jama agus King Kenny - cho brathach 's a ghabhas.

Feumaidh na farpaisich geamaichean a chluich gach là airson airgead a chruinneachadh
Sa phrògram, tha dùbhlain aca mar sgioba tron là airson airgead a chruinneachadh; tha duais luach suas ri £120,000 ri bhuannachadh.
Thèid i gu dìlseach neo dìlsich ma gheibh iad a-mach cò nam measg a tha a' feuchainn ris a' char a thoirt asta.
Ma tha traoidhtear neo traoidhtearan fhathast ann aig deireadh a' gheama 's iadsan a gheibh an t-airgead.
Ann an sreath nan rionnagan, 's ann do charthannas a thèid an t-airgead sin a thoirt.
Fear à Leòdhas - dìleas neo mealltach?
- Air fhoillseachadh2 Am Faoilleach
Am bi làmh an uachdair fhathast aig an Traoidhtear à Leòdhas?
- Air fhoillseachadh23 Am Faoilleach
Chrìochnaich prògram oidhche Dhiardaoin le na dìlsich a' glacadh an treas traoidhtear, ach ann an dòigh gu tur neo-àbhaisteach.
Aig a' bhòrd ainmeil, far am bi na farpaisich a' deasbad cò bu chòir a chur a-mach an oidhche sin, thòisichear a' ceasnachadh James Acaster.
Cha do sheas e fada ris agus dh'aidich e gun deach a thaghadh mar thraoidhtear, rud nach robh e idir ag iarraidh.
Leis an sin, 's e co-dhùnadh furasta a bh' ann dhan chòrr agus chaidh James A a chur dhachaigh.

Dh'aidich James Acaster gur e traoidhtear a bh' ann agus chaidh a chur dhachaigh
Tha Krisell NicDhòmhnaill am measg nam milleanan a tha uabhasach measail air a' phrògram.
"An rud mu Celebrity Traitors, tha a h-uile rionnag airson a bhith mar phàirt dheth," thuirt i.
"Tha sin a' ciallachadh gu bheil sinn eòlach air barrachd dhiubh na bhiodh ann am prògraman eile anns a bheil rionnagan.
"Tha sinn ag aithneachadh an t-uabhas dhiubh."
Tha i cuideachd den bheachd gu bheil cruth a' phrògraim freagarrach san ùine fhada.
Thuirt i: "Bidh iad a' dèanamh rudan eadar-dhealaichte.
"Cha bhi iad ag atharrachadh cus, dìreach rudan beaga sa h-uile sreath agus tha sin ag obair airson ùidh dhaoine a chumail."

Tha a' mhòr-chuid dhen gheama air a chluich ann an Caisteal Àird Rois air a' Ghàidhealtachd
Tha Celebrity Traitors agus Na Traoidhtearan air an clàradh air a' Ghàidhealtachd, leis a' mhòr-chuid dhen gheama air a chluich ann an Caisteal Àird Rois, faisg air Alanais.
Bho thòisich am prògram ann an 2022, tha e air seallaidhean agus togalaichean na sgìre a thoirt gu aire sluagh na Rìoghachd Aonaichte.
Nam measg, tha Creag Phàdraig air iomall Inbhir Nis agus Loidse Culzie air bruaichean Loch Glasaidh.
Aig toiseach na bliadhna, bhuannaich Stephen Libby à Leòdhas an t-sreath do dhaoine àbhaisteach agus esan air a bhith na thraoidhtear bho thoiseach.
Bidh Celebrity Traitors ri fhaicinn aig 8:00f a-nochd air BBC a h-Aon agus air iPlayer a' BhBC.