Lorgadh gnèithean tearc an coilltean-uisge na h-Alba a tha a' sìor chrìonadh

cnuimh-ghealTùs an deilbh, BEN MITCHELL
Fo-thiotal an deilbh,

Tha cnuimhean-gealla air aon de na gnèithean a lorgadh air Taobh Siar Chomhghaill

  • Air fhoillseachadh

Chaidh còrr air 1,000 gnè a chlàradh ann an sgìre bheag de choille-uisge na h-Alba sa chiad suirbhidh dhe leithid ann an còrr air 50 bliadhna.

Nam measg bha cnuimhean-geala, liathas-slaim agus crotail thearc.

Bha Urras Tuatha Earra-Ghàidheal air iarraidh air daoine dealbhan a thogail sa choille air Taobh Siar Chomhghaill gus tuigse nas fheàrr fhaighinn air mar as urrainnear na tha a' tighinn beò innte a dìon.

Tha toradh an t-suirbhidh a' tighinn agus Riaghaltas na h-Alba gu bhith a' stèidheachadh thargaidean glèidhteachais ùra.

Coillte-uisge air costa fliuch a' Chuain a Tuath de dh'Alba

Chan eil coilltean-uisge measarra cumanta air feadh an t-saoghail, is iad nas teirce na feadhainn thropaigeach mar an Amazon.

Ach ged a tha i a' crìonadh, tha coille-uisge na h-Alba fhathast timcheall air 30,000 heactair de mheud, le iomadach diofar sheòrsa de lus tearc innte.

Cha deach suirbhidh mar seo a dhèanamh bho na70an ach le bhith ag iarraidh air daoine dealbhan a thogail agus teicneòlas AI air fònaichean-làimhe a chleachdadh, tha iad a' faighinn dealbh slàn de na diofar ghnèithean a th' innte.

Tha 171 daoine air còrr air 3,400 clàr a chur thuca mar-thà.

Tha Heather Mhoireasdan, a tha na co-òrdanaiche saor-thoileach, ag ràdh gum bi fios aca air cò as motha na sgìrean a tha feumach air dìon mar thoradh air na fhuair iad.

Thuirt i: "Tha e gar cuideachadh lorg fhaighinn air pàirtean den choille-uisge nach b' aithne dhuinn 's dòcha."

Tha dà chunnart mu choinneamh na th' air fhàgail de choilltean-uisge an Alba, fèidh agus rhododendron.

Tha àireamh ro mhòr de dh'fhèidh a' ciallachadh gun ith iad lusan òga agus gasganan craoibhe mus bi cothrom aca faighinn gu ìre.

Chan e lus dùthchasach a th' anns an rhododendron agus sgap e gu mòr on thug na Bhictòrianaich a-steach e, a' mùthachadh phlanntraisean dùthchasach.

Heather Mhoireasdan
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Heather Mhoireasdan ag ràdh gu bheil teicneòlas AI ga dhèanamh nas fhasa diofar ghnèithean aithneachadh

'S e Alba tè de na dùthchannan as motha san t-saoghal a chaill gnèithean agus àrainneachd, san 28mh àite bho bhonn liosta air a bheil 240 dùthaich agus sgìre.

Sheall Aithisg Stad Nàdair, a dh'fhoillsicheadh ann an 2023, gun tàinig lùghdachadh 15% air na bha de ghnèithean sa chumantas bho 1994.

'S e bu motha air an tàinig crìonadh crotail bho na 70an còinneachan agus lusan blàthachaidh, air a bheil àrainneachd na coille-uisge a' freagairt cho mòr, a rèir na h-aithisg.

San Fhaoilleach, chaidh Bile na h-Àrainneachd Nàdarrach tro Holyrood is e ag amas air stad a chur air na thathas a' call de bhith-iomadachd.

Bidh targaidean laghail air an stèidheachadh fhathast airson ùrachadh a dhèanamh air àrainnean mar choilltean-uisge measarra.