Tadhail gu leòr an Cupa Eilean an Fhraoich

Cupa Eilean an Fhraoich
  • Air fhoillseachadh

Bha oidhche thrang ann am ball-coise ionadail Diluain is Cupa Eilean an Fhraoich 2026 a' tòiseachadh.

Bha cùisean teann sa chiad leth eadar Càrlabhagh is an Taobh Siar is tadhal bho Ali 'Barbhas' MacLeòid a' cur nan Siarach 1-0 suas.

'S ann a thòisich na tadhail a' frasadh a-steach san dàrna leth.

Chuir Luke MacLeòid Càrlabhagh co-ionnan ach dh'fhàg dà bhreab-peanais taobh a-staigh còig mionaidean bho Luke MacAoidh an Taobh Siar 3-1 air thoiseach.

Bha Ross Dòmhnallach an uairsin air an targaid dha na Siarach is chuir an dearbh chluicheadair tadhal eile le deich mionaidean air fhàgail gus an sgioba aige a chur 5-1 air thoiseach is ann an suidheachadh fìor làidir.

Cha robh an gnothach seachad ge-tà.

Fhreagair Stuart 'Bubble' Dòmhnallach dha Càrlabhagh agus anns na mionaidean mu dheireadh fhuair Connor Macleòid is Kenny Dokus dà thadhal eile dhaibh.

5-4 air a' cheann thall is na tadhail sin aig an deireadh a' fàgail dreach gu math eadar-dhealaichte air cùisean a' dol dhan dàrna gheama ann am Barbhas ann an cola-deug.

Cha robh ann ach aon tadhal aig na Còig Peighinnean - thàinig sin bho Mhurchadh MacRisnidh bhon spot is Nis a' buannachadh 1-0 an aghaidh an Rubha.

Bidh dùil ri geama teann eile air ais ann an Garrabost.

Sa gheama eile bha oidhche air leth aig Friseal Moireach is e a' cur nan tadhal air fad dha na Lochan is iad a' buannachadh 4-1 an aghaidh na Hearadh.

Obair mhòr aig na Hearaich ma tha iad gus cùisean a thionndadh mun cuairt.

Bidh dà gheama ann an Lìog Thaobh Siar na Gàidhealtachd oidhche Mhàirt.

Cuiridh Caol Àcainn fàilte air na nàbaidhean aca Slèite is an Srath is bidh Malaig aig an taigh an aghaidh Loch Aillse.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte