An t-Inbhir air tarraing a-mach à Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd
- Air fhoillseachadh
Tha sgioba an Inbhir à Cataibh air tarraing a-mach à Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd.
Tha an sgioba air adhartas a dhèanamh tron fharpais am-bliadhna is bha còir aca a bhith a' cluich an aghaidh Whalsay à Sealtainn sa chairteal-chuairt dheireannaich.
Bha an geama sin gus a bhith ann an Arcaibh Disathairne.
Ann am brath air na meadhanan-sòisealta ge-tà, thuirt an t-Inbhir gu bheil fear den sgioba aca gus pòsadh Disathairne is gum bi grunnan eile bhon sgioba cuideachd an làthair aig a' bhanais.
Thuirt an cluba gun do dh'iarr iad an geama atharrachadh gu là eile air neo a chluich air tìr-mòr ach gun deach na h-iarrtasan aca a dhiùltadh.
Tha iad ag ràdh gur e briseadh-dùil mòr a th' ann ach nach eil dol às aca ach tarraing a-mach às an fharpais.
Tha seo a' fàgail gu bheil Whalsay a' dol dìreach dhan iar-chuairt dheireannaich.
Ann am brath air na meadhanan-sòisealta acasan, thuirt sgioba Shealtainn gur e bristeadh-dùil a bh' ann dhaibhsan adhartas a dhèanamh san dòigh seo.
Thuirt iad gun robh iad fhèin agus Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd fhèin air coimhead air a h-uile roghainn a bh' ann airson an geama a chluich agus leigeil le cluicheadairean an Inbhir a dhol chun na bainnse.
Thuirt iad cuideachd gun robh iad air geama an aghaidh an Inbhir an-uiridh a ghluasad gus am biodh e comasach do chluicheadairean an Inbhir a dhol gu fèis Belladrum.
Bidh na geamaichean eile sa chairteal-chuairt dheireannaich air an deireadh-sheachdain mar a leanas:
Athletic Steòrnabhaigh - Golspie Stafford (ann an Cùil Bhàicidh aig 12:30f)
Blackrock Rovers - Abhach (ann am Baile Eòghainn aig 3f)
Malaig - Wick Groats (ann am Malaig aig 2f)
San iar-chuairt dheireannaich bidh Whalsay an aghaidh Blackrock Rovers no Abhach agus bidh Malaig no Wick Groats an aghaidh Athletic Steòrnabhaigh no Golspie Stafford.