
Chaidh £100,000 a thoirt seachad do dh'iomairt a tha ag amas air slighean-coiseachd air cnuic is beanntan na h-Alba a chumail aig ìre.
Tha an fheadhainn a tha air cùl na h-iomairt ag ràdh nach eil tuigse ann mun chosgais is obair - ach cuideachd na buannachdan - tha an lùib slighean-coiseachd a dhìon is a leasachadh.
'S iad Urras na h-Alba 'son Cothrom air a' Bhlàr A-muigh is Sreap Alba a tha ag obair còmhla gus ro-innleachd a dhealbh a thaobh nan slighean-coiseachd.
'S e tha fainear dhaibh ach plana seasmach a stèidheachadh gus am bi taic-airgid leantainneach ann.
Ged a tha iad ag ràdh gur e obair chosgail a th' ann, tha iad a' cumail a-mach gu bheil buannachdan dhan àrainneachd ann cuideachd, a thuilleadh air buannachdan sòisealta is eaconomach.
Tha £100,000 a-nise a' dol chun na h-iomairt bho Urras Sreapaidearachd na h-Alba, a tha a' comharrachadh 60 bliadhna bho chaidh a' bhuidheann a stèidheachadh.
Bidh a' chiad phròiseact aig an iomairt stèidhichte air an Teallach air Taobh Siar Rois, is slighean an sin air a bhith a' crìonadh fad bhliadhnaichean.