Astarachadh sòisealta a' milleadh bheanntan

  • Air fhoillseachadh
Ceum air Beinn Laomainn ro ChovidTùs an deilbh, Richard Webb/Geograph

Nochd dragh gu bheil riaghailtean astarachaidh shòisealta a' fàgail gu bheil sgrios ga dhèanamh air cuid de bheanntan na h-Alba.

Tha Urras Nàiseanta na h-Alba ag ràdh gu bheil feadhainn a' seachnadh nan staranan a th'ann gus àite a dhèanamh do daoine eile - is gu bheil sgrios ga dhèanamh air cliathaich nam beanntan.

'S e Beinn Laomainn tè na de beanntann as trainge ann an Alba.

Air an deireadh-sheachdain as t-Samhradh, bidh uaireanann suas ri 1,000 neach a' dèanamh air a' mhullach san là.

Ach am-bliadhna, tha sin air a dhol an-àirde gu mòr - uaireanan gu 2,000 neach san là.

Agus tha e coltach gu bheil mar a tha feum air astarachadh sòisealta a' fàgail gu bheil gu leòr de dhaoine air na frith-rathaidean àbhaisteach air na beanntan fhàgail, is iad a' dèanamh na slighe aca fhèin suas chun a' mhullaich.

Thuirt Urras Nàiseanta na h-Alba gu bheil seo a' tachairt cho tric is gu bheil sgrios ga dhèanamh air na beanntan, 's gu bheil obair-càraidh mhòr aca ri dhèanamh.

Tha iad ag iarraidh air daoine seasamh gu aon taobh gus daoine eile a leigeil seachad mus till iad dha na slighean ceart, is gum bu chòir do dhaoine ann am buidhnean mòra coiseachd ann an loidhne às dèidh a chèile.