Cead ga dhiùltadh 'son raon-goilf aig Machaire a' Chùil

  • Air fhoillseachadh
machaire a' ChùilTùs an deilbh, JulianParenGeog

Chaidh cead a dhiùltadh 'son plana connspaideach raon-goilf a thogail aig Machaire a' Chùil aig Eurabol, faisg air Dòrnach.

Bha Comhairle na Gàidhealtachd air aontachadh ris a' phroiseact anns an Òg-Mhìos an-uiridh, ach dh'iarr Riaghaltas na h-Alba gun deidh barrachd sgrùdaidh a' dhèanamh air.

Às dèidh rannsachaidh phoblaich, cho-dhùin an riaghaltas gum bu chòir cead a dhiùltadh.

An lùib nam planaichean, bha an raon-goilf le 18 toll, taigh-cluba, bùth, àite-obrach, àite-rianachd agus ionad-fiosrachaidh.

Cosnaidhean

Bha a' chompanaidh a bha a' cur a' phroiseact air adhart ag ràdh gun toireadh am plana aca piseach air an sgìre, agus gum biodh cosnaidhean na lùib - rud a dhèanadh feum dhan sgìre.

Ach bha an riaghaltas dhen bheachd gum biodh cus bhuaidh aig a' phroiseact air an àireanachd ged a bha'd a' faicinn gun toireadh e buannachd dhan eaconomaidh.

Chuir diofar bhuidhnean carthannais a bha an aghaidh nam planaichean, nam measg Ramblers na h-Alba, fàilte air co-dhùnadh an riaghaltais, 's iad ag ràdh gur e àrainneachd sònraichte prìseil a th' anns a' mhachaire seo 's gu bheil e math gun tug an riaghaltas for air a sin.