Cead dha raon-goilf Chataibh
- Air fhoillseachadh

Tha comhairlichean air cead-dealbhachaidh a thoirt seachad airson raoin-ghoilf chonnspaidich ann an Cataibh.
Bha oifigich Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh gun rachadh cead a dhiùltadh dhan leasachadh aig a' Chùil, eadar Eurabol agus Loch Fleòid.
Thuirt iad gum faodadh an leasachadh fìor dhroch bhuaidh a thoirt air an àrainneachd, is dìon shònraichte air an sgìre seo.
Bha grunn bhuidhnean glèidhteachais air draghan a thogail mun phlana.
A dh'aindeoin sin, bhòt comhairlichean air Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Tuath Diciadain gus cead a thoirt seachad.
Dìon
Tha an luchd-leasachaidh, na h-Aimeireaganaich Todd Warnock is Mike Keiser nam measg, a' gealltainn gun cuir iad dìon air an àrainneachd.
Thuirt iad gun tèid obraichean a chruthachadh is gum bi buannachdan mòra ann dha eaconomaidh na sgìre.
Dh'fhaodadh nach eil an gnothach seachad aige seo, ge-tà.
Bha a' bhuidheann Urras Fiadh-bheatha na h-Alba air rabhadh a thoirt gur e seo "an cothrom mu dheireadh a' Chùil a ghlèidheadh".
Thuirt iad ro-làimh, ma 's e is gun tigeadh cead bho Chomhairle na Gàidhealtachd, gum bu choir Riaghaltas na h-Alba an gnothach a ghairm a-steach.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh19 An t-Ògmhios 2018
