Donalda NicIllEathain

Donalda NicIllEathain

Rugadh Donalda NicLeòid aig 19 Tolastadh a' Chaolais air 15 Iuchar, 1940. 'S ann à Circebost ann an Sgìre Ùig a bha a màthair Mòr, nighean 'ain Dhol, ach ghluais an teaghlach gu Giosla. B' e Seonaidh MacLeòid, mac Dhòmhnaill Iain Nèill, no Spèicean à Tolastadh a' Chaolais a h-athair. Tha triùir san teaghlach, dithis nighean agus balach.

Chaidh Donalda do Bhun-sgoil Dhùn Chàrlabhaigh agus an dèidh sin gu Sgoil MhicNeacail airson bliadhna. Ann an 1953, nuair a bha i trì bliadhna deug, ghluais an teaghlach do na Crìochan. Bha iad greis ann an Galashiels, greis ann am Melrose, agus mu dheireadh ghluais iad gu Jedburgh, far an robh iad a' ruith Taigh Eiridinn. Chaidh Donalda do Acadamaidh Galashiels aig an àm sin.

Nuair a dh'fhàg i an sgoil chaidh i a dh'ionnsachadh a bhith na banaltram ann an Ospadal Rìoghail Dhùn Èideann. Dh'fhan i ann an Dùn Èideann airson greis an dèidh a cùrsa a chrìochnachadh agus an dèidh sin bha i na bean-glùine ann an Ospadal Jedburgh.

Nuair a bha i còig thar fhichead fhuair i tairgse obrach ann a' Hamilton, Ontario, agus chaidh i a-null a Chanada, an toiseach airson bliadhna. Ann an 1966 phòs i Iain MacIllEathain a bha ag obair aig companaidh gas a bha a' cur phìoban tarsaing Chanada. Bha a mhàthair, Cairistìona NicChoinnich, à Beàrnaraigh Leòdhais agus bhuineadh athar, Tormod MacIllEathain, do Sholas, ann an Uibhist a Tuath. Lean an teaghlach Donalda a Chanada ann an 1968, ged nach deach a bràthair, Iain, a-null gu 1970, an dèidh dha pòsadh.

Chaill Donalda an duine aice, Iain, ann an tubaist rathaid ann an 1974 nuair a bha a' chlann beag agus chaidh i air ais a dh'obair na banaltram. Chaidh, Caoimhin Tormod, an gille a b' òige, a mharbhadh ann an tubaist rathaid cuideachd, nuair nach robh e ach 25.

Bha Donalda a' fuireach ann an Toronto airson deich bliadhna ach ann an 1977 ghluais i gu Picton, ann am Prince Edward County, air Lake Ontario mu sheachd fichead mìle an ear air Toronto. Phòs i Daibhidh Dudenhoffer ann an 1996. Bhuineadh a chuideachd don Ghearmailt bho thùs, ach tha an teaghlach air a bhith ann an Canada airson mu dhà cheud bliadhna. Bha e ann am Feachd Adhair Chanada ach tha e a-nise air a dhreuchd a leigeil dheth.

Tha Iain, a mac as sine, a' fuireach faisg air làimh. Tha a piuthar, Catrìona, a' fuireach dlùth dhi, faisg air Bowmanville, Enniskillen, mu thrì fichead mìle an ear air Toronto agus tha a bràthair Iain, a bha a' teagaisg, a' fuireach ann am Montreal, far am bheil e a' ruith Sgoil Phìobaireachd.

Bha Donalda a' seinn aig Mòd Ionadail Steòrnabhaigh nuair a bha i na nighinn. Tha cuimhne aice gun robh Alma Kerr anns an aon cho-fharpais rithe agus gur i Alma a bha anns a' chiad àite agus ise anns an treas àite. Nuair a bha i ann an Dùn Èideann bhiodh i a' seinn aig na cèilidhean gu math tric. Fhad 's a bha i ann an Toronto bha i na ball de chòisir ghàidhlig a' bhaile. Choisinn i Cuach MhicNèill airson seinn nam fileantach aig Mòd Toronto dà bhliadhna an dèidh a chèile an a 1986-87.

'S ann bho màthair a dh'ionnsaich i Saighdeir Chaluim Bhàin agus bha i ag ràdh rithe gur e a' sinn-sinn-seanmhair a rinn an t-òran. Bha a h-athair-cèile, Tormod MacIllEathain, na bhall de Chomann Uibhist is Bharraigh ann an Toronto agus 's ann mar sin a thàinig i gu bhith anns a' chuideachd an uair a bha Fred MacAmhlaigh a' clàradh ann an Canada ann an 1970.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.