Saighdeir Chaluim Bhàin

Òran air a sgrìobhadh le: bean chaluim bhàin (No a Phiuthar) agus air a sheinn le: Donalda NicIllEathain.

This is a song written by: bean chaluim bhàin (No a Phiuthar) and sung by: Donalda NicIllEathain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Hè horaibh ì, hoirinn hoirinn
Hè horaibh ì, hoirinn àil
Hè horaibh ì, och is èileadh
Leamsa b' èibhinn fhaicinn slàn.

Chuir iad thu air tìr an Èirinn
B' aotram bha do cheum air sràid;
Chuir iad umad deise an t-saighdear
Bu tu an diaman am measg chàich.

O gur mise tha gu cianail
'S mi ri faicinn feur a' fàs,
'S e ri falach orm do lorgan
'S mi gu sgealbadh leis a' ghràdh.

Nuair a thèid mi dhan a' mhòine
Bidh na deòir a' ruith gu làr;
Ach ged a lìonadh iad mo bhrògan
Cha leig mi mo bhròn ri càch.

Ged a thigeadh triùir san oidhche
'S mi nach tugadh dhaibh mo làmh;
'S mi nach tugadh dhaibh an coibhneas
Gheibheadh Saighdear Chaluim Bhàin.

Ged a thigeadh tràigh nach fhacas
Riamh a leithid anns an àit';
'S iomadh struthan den a' chuan
Tha eadar mi 's mo luaidh, nach tràigh.

Cait' am bheil thu, ghràidh, an tig thu
'M bheil thu 'n dùil an tig thu, ghràidh?
An tig thu shealltainn orm am bliadhna
Na 'n tig thu gu sìorraidh bràth?

Nuair a thèid mi dhan an doras
'S a chì mi ghealach 's i na h-àird
Bidh mo smuaintean air an t-saighdear
Dh'fhalbh na fhèileadh dhan a' bhlàr.

Chunnaic mise thu as mo chadal
Ri tighinn dhachaigh as a' bhlàr
Le do chlaidheamh caol a' lasadh
Cha b' ann gam iarraidh-sa a bha.

Cuspair an Òrain - Saighdeir Chaluim Bàin

B' e Dòmhnall MacMhathain ainm an t-saighdeir, mac le Calum Bàn a bhuineadh do Bhaltos agus Crabhlastadh ann a' Sgìr' Ùige Leòdhais. Rugadh e as na 1740an. Chaidh e dhan arm agus bha e air a ràdh gu robh e ann an Cogadh nan Seachd Bliadhna ann an Canada, agus aig sèist Louisburg air Eilean Cheap Breatainn san Iuchair 1758, nuair a ghèill na Frangaich.

A-rithist bha e an Èirinn agus as na h-Innseachan còmhla ri na Sìophortaich.

Nuair a thill e a dh' Ùig, phòs e Ciorstaidh NicDhòmhnaill agus a rèir coltais bha teaghlach mòr aca agus bha iad a' fuireach ann am baile air a robh Beatharo.

Ann am prògram air BBC Radio nan Gàidheal air 20 /04/2004, dh'innis Fionnlagh MacLeòid naidheachd mu theaghlach Saighdear Chaluim Bhàin agus mar a thachair dhaibh an dèidh dha bàsachadh:

"Goirid as dèidh a bhàis, dh'fhalbh an teaghlach a Chanada bhon chaidh na daoine a chur à Beatharo. Bha dà adhbhar air a shon, cuid ag ràdh gur e lèig no poll a choireigin a thàinig air a' bhaile, as bith dè tha sin a' ciallachadh.

Ach, as an teaghlach, 's e bhathas ag ràdh gun chaill iad an talamh airson glìob Alasdair MhicLeòid a leudachadh goirid às dèidh dha a thighinn, bhon bha Beatharo an ath dhoras dha Baile na Cille.

'S e Dòmhnall Iùdais a dh' altram 's a ghlèidh a' sgeulachd sin mar a ghlèidh e iomadh sgeulachd eile."

Thill aon de na mic, air an robh Dòmhnall mar a bh'air athair, air ais a dh' Ùig agus phòs e tè à Càrnais. Ach aig a' cheann thall thill an teaghlach sin cuideachd air ais a Chanada.

Bha e air a ràdh gun deach an t-òran a dhèanamh dha Saighdear Chaluim Bhàin fhad's a bha e an Èirinn, ged nach eil fios cinnteach an e a bhean a rinn e.

Seinneadairean / Performers

Donalda NicIllEathain

Donalda NicIllEathain

Rugadh Donalda NicLeòid aig 19 Tolastadh a' Chaolais air 15 Iuchar, 1940. 'S ann à Circebost ann an Sgìre Ùig a bha a màthair Mòr, ...

Fiosrachadh air Donalda NicIllEathain / Learn more about Donalda NicIllEathain

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.