
Thòisich Darren MacIllEathain a' seinn 's e na ghille beag aig an taigh ann an Ròdhag, faisg air Dùn Bheagain anns an Eilean Sgitheanach. Buinidh e do theaghlach as a bheil seinneadairean pailt, agus am measg a dhlùth chàirdean bha Calum Ceanadach.
Chaidh Darren gu Mòd an toiseach nuair nach robh e ach ceithir bliadhna a dh'aois. Choisinn e a' chiad duais aig Mòd Nàiseanta nuair a bha e deich bliadhna, ann an 1993, agus choisinn e am Bonn Airgid ann am Port Rìgh ann an 1998.
Nuair a dh'fhàg e an sgoil rinn e ceum ann an ceòl ann an Acadamaidh Rìoghail Ceòl is Dràma na h-Alba, an RSAMD, ann an Glaschu. Fhad 's a bha e na oileanach bha e a' seinn ann an còmhlan Sperin, agus bha iad air chuairt anns a' Ghearmailt agus san Danmhairg.
Choisinn Darren Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich aig a' Mhòd Nàiseanta san Òban ann an 2003 agus choisinn e an fharpais Seo Seinn ann an 2003 agus 2004. Tha e air a bhith sa chuairt dheireannaich den fharpais BBC Young Scottish Traditional Musician of the Year trì tursan.
Tha Darren air seinn aig iomadh fèis agus cèilidh agus còmhla ri seinneadairean leithid Art MacCarmaig agus Donnie Rothach, Mairead Bennett agus Julie Fowlis. Tha e tric ri chluinntinn air rèidio agus ri fhaicinn air telebhisean.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.