
Rugadh Donnie Rothach air 2 Lùnastal, 1953, ann an Ùig an Eilein Sgitheanaich. Chaidh e don sgoil ann am Port Rìgh mus do rinn e cùrsa ealain aig Gray's School of Art, Oilthigh Raibeart Gòrdan an Obar Dheathain. An dèidh ceumnachadh, lean e san fhoghlam aig Colaiste Moray House an Dùn Èideann.
Bha e a' teagasg ealain ann an Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis, Àrd-sgoil Phort Rìgh, Acadamaidh Lìte agus Àrd-sgoil Tynecastle mus do leig e seachad teagasg airson a dhol làn ùine na phrìomh sheinneadair leis a' chòmhlan Runrig. An dèidh còrr air fichead bliadhna a' seinn còmhla riutha air feadh an t-saoghail dh'fhàg e Runrig ann an 1997.
B' e fear-labhairt a' Phàrtaidh Làbarach air Gàidhlig agus cùisean co-cheangailte ris a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan mus do sheas e airson na Pàrlamaid anns na taghaidhean ann an 1997 agus 1999.
Bha e na reachdair air Oilthigh Dhùn Èideann bho 1991 gu 1994, agus b' e cuideachd a' chiad reachdair a bha aig Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna.
Ach chan eil e air cùl a chur ri na h-ealain lèirsinneach agus tha obair ri fhaicinn bho àm gu àm anns a' Scottish Gallery an Dùn Èideann.
Tha e cuideachd trang na sheinneadair agus na neach-ciùil, agus b' e clàr leis clàr na bliadhna aig na Trad Awards ann an 2006.
Tha Donnie air pàirt a ghabhail ann an iomadh prògram rèidio agus telebhisean agus tha e air sgrìobhadh do phàipearan-naidheachd leithid a' Herald, an Guardian agus am Press and Journal.
Aig an àm seo tha e na Stiùiriche Leasachaidh agus Togail Ionmhais aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.