Òrain / Song

Fiosrachadh mu thaghadh farsaing de dh'òrain Ghàidhlig bho thasglann a' BhBC.Find information on a wide range of Gaelic songs from the BBC's Gaelic archive.

Tha an fhiosrachadh air a roinn ann an còig diofar earrannan: a rèir ainm an òrain, ainm an sgrìobhaiche, ainm an t-seinneadair, cuspair an òrain, agus tasglann a' Mhòid. Tha an fhiosrachadh a rèir na h-aibidil, le ainmeannan dhaoine ann an òrdugh a rèir ainmean-baistidh.The information is categorised by: song title, writer, singer, song theme, and a Mod archive. The content is listed alphabetically, with people's names ordered according to Christian name.

Ann an tasglann a' Mhòid, cluinnear taghadh de dh'òrain a chaidh a chlàradh aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail eadar 1894-1990: measgachadh de dh'inbhich agus de dh'òigridh a choisinn boinn thairis air na bliadhnaichean. Chithear cuideachd bhidiothan de chuid de luchd-buannachaidh Mod Ghallaibh 2010.In the Mod archive you can listen to songs recorded at the Royal National Mod between 1946-1989: including a selection of adult and junior medallists. You can also watch a selection of videos from the Caithness Mod 2010.

Màiri NicLeòid (Màiri Nighean Alasdair Ruaidh)

Ged a tha Màiri NicLeòid, Màiri Nighean Alasdair Ruaidh na bana-bhàrd ainmeil 's e glè bheag de dh'fhiosrachadh a tha ri fhaighinn mu beatha. Ann ...

Mgr. Ailean Dòmhnallach

B' ann do Ghearastan Loch Abar a bhuineadh Mgr. Ailean Dòmhnallach. Rugadh e ann an 1859 agus an dèidh fhoghlam airson na sagartachd ann am ...

Mìcheal Bochanan (Mìcheal Nèill Bhàin)

Rugadh Mìcheal Bochanan, Mìcheal Nèill Bhàin 'ic Alasdair, ann am Borgh, Barraigh, agus chaidh a bhaisteadh ann an eaglais a' bhaile sin air 21 Faoilleach, ...

Mìcheal Mac a' Phearsain

Mìcheal Mac a' Phearsain

Rugadh Mìcheal Mac a' Phearsain, Mìcheal Ruadh Alasdair Bhig, air Taobh a' Chaolais an Uibhist a Deas air 26 Giblean, 1910. 'S ann à Barraigh ...

Mòr Chaimbeul

Chaidh an t-òran Griogal Cridhe a dhèanamh le Mòr Chaimbeul 's i a' tàladh a mic an dèidh dha a h-athair fhèin a cèile a ...

Mòr NicLeòid (Mòr Thorcaill)

A rèir an fhiosrachaidh a th' anns an leabhar Eilean Fraoich (Acair, 1982) rugadh Mòr NicLeòid, Mòr Thorcaill, ann a' Lacasaigh ann a' Sgìre nan ...

Murchadh Dòmhnallach (Murda Sheumais)

Murchadh Dòmhnallach (Murda Sheumais)

Rugadh Murchadh Dòmhnallach, Murda Sheumais Ruaidh (1905-1986), ann an Siadar a' Chladaich, air taobh siar Leòdhas. B' ann às a' sin a bha a mhàthair, ...

Murchadh Fearghasdan

Murchadh Fearghasdan

'S ann à Port Mholair, am baile as fhaide a-muigh as a' Rubha, Leòdhas, a bha Murchadh MacCoinnich Fearghasdan, Murchadh Bhob. Rugadh e air 11 ...

Murchadh MacCoinnich

A rèir an t-Ollamh Iain MacAonghais chaidh Òran nan Dròbhairean a dhèanamh le Murchadh MacCoinnich, Murchadh Ruadh nam Bò, à Loch Bhraoin. Bha e na ...

Murchadh MacIlleMhoire (Murchadh Beag)

B' ann à Tàbost ann a' sgìre Nis, Leòdhas a bha Murchadh Beag MacIlleMhoire, aon den dithis chloinne a bha aig Anna Choinnich Bhàin bhon ...

  1. 1
  2. 2
  3. 3

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.