Òrain / Song

Fiosrachadh mu thaghadh farsaing de dh'òrain Ghàidhlig bho thasglann a' BhBC.Find information on a wide range of Gaelic songs from the BBC's Gaelic archive.

Tha an fhiosrachadh air a roinn ann an còig diofar earrannan: a rèir ainm an òrain, ainm an sgrìobhaiche, ainm an t-seinneadair, cuspair an òrain, agus tasglann a' Mhòid. Tha an fhiosrachadh a rèir na h-aibidil, le ainmeannan dhaoine ann an òrdugh a rèir ainmean-baistidh.The information is categorised by: song title, writer, singer, song theme, and a Mod archive. The content is listed alphabetically, with people's names ordered according to Christian name.

Ann an tasglann a' Mhòid, cluinnear taghadh de dh'òrain a chaidh a chlàradh aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail eadar 1894-1990: measgachadh de dh'inbhich agus de dh'òigridh a choisinn boinn thairis air na bliadhnaichean. Chithear cuideachd bhidiothan de chuid de luchd-buannachaidh Mod Ghallaibh 2010.In the Mod archive you can listen to songs recorded at the Royal National Mod between 1946-1989: including a selection of adult and junior medallists. You can also watch a selection of videos from the Caithness Mod 2010.

Cairistìona Mhoireasdan

Chaidh Gràdh Dhè a sgrìobhadh le Cairistìona Mhoireasdan a rugadh agus a thogadh ann an Ceann a' Bhàigh, air Eilean Sgalpaigh na Hearadh, sa bhliadhna ...

Cairistìona NicDhòmhnaill

B' ann ann an sgìre Nis, Leòdhas, a rugadh Cairistìona NicDhòmhnaill, faisg air baile Lìonail. Bha an teaghlach a' fuireach eadar Rathad Chros Sgiogarstaigh agus ...

Calum is Ruaraidh Dòmhnallach

Calum is Ruaraidh Dòmhnallach

Tha an dithis bhràithrean Calum agus Ruaraidh Dòmhnallach air a bhith a' sgrìobhadh òrain ann an Gàidhlig agus ann am Beurla bho chionn còrr math ...

Calum Camshron

Rugadh Calum Camshron, Calum Dhòmhnaill 'ic Raghnaill Bhàin, ann an 1898. Ghluais an teaghlach gu ruige Grèinetobht nuair a chaidh taca Sholais a bhristeadh na ...

Calum I. M. MacLeòid (Am Màidsear)

Rugadh Calum Iain MacNeacail MacLeòid ann an 1913 san Dòrnaidh ann an Loch Aillse far an robh athair na mhaighstir-sgoile aig an ...

Calum Mac an Tòisich

B' ann à 1 Grèinetobht ann an sgìre Sholais an Uibhist a Tuath a bha Calum Mac an Tòisich, Calum Dhòmhnaill Ruaidh a' Bharraich. Rugadh ...

Calum MacAoidh

Bha Calum MacAoidh, Calum Ruairidh Bhàin 'ic Chaluim, agus a bhean, Catrìona NicDhòmhnaill à Barabhas Iarach, a' fuireach aig 49 Bràgar a ...

Calum MacGillìosa

Chaidh 29 òran le Calum MacGillìosa fhoillseachadh ann an leabhar Smeòrach nan Cnoc 's nan Gleann, air a dheasachadh le Bernard Gillis agus an t-Ollamh ...

Calum MacIllEathain

Rugadh Calum MacIllEathain, Calum Iain Aonghais, ann an 1882 aig 17 Tàbost, Nis ann an Eilean Leòdhais. Thug e fad a bheatha a' seòladh, ach ...

Calum MacIllEathain (Calum a' Ghlinne)

B' ann à Ceann Loch Iùbh a bha Calum MacIllEathain, Calum a' Ghlinne. Bha e air a bhith san arm nuair a bha e na ...

  1. 1
  2. 2
  3. 3

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.